Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Iain MacNeacail agus am Ford aige, 1912
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_13_004_018
ÀITE
neo-aithnichte
SGÌRE
neo-aithnichte
SIORRACHD/PARRAIST
NEO-AITHNICHTE
DEIT
1912
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42580
KEYWORDS
càraichean
seann chàraichean
carbadan
John Nicolson in his Ford, 1912

Chan eil fhios co 'n àireamh modail a th' air a' chàr seo ach tha iad den bheachd gur e Ford a th' ann, air a cheannach ann am Birmingham beagan ron Chiad Chogadh air £300.

Thòisich companaidh motair Ford ann an 1903 agus dh'fhàs e gu bhith na thè de na corporaidean a bu mhotha san t-saoghal. Chuir an companaidh a cheann-oifisean agus a dhèanamh ann am Michigan, USA. Thug iad a-steach dòighean-obrach ùra ann an togail chàraichean, leithid loidhne-dhèanamh far an robh gach neach-obrach a' dèanamh an aon phìos obair fad an t-siubhail agus, leis na dòighean sin, bha iad a' cur a-mach nan carbadan na bu luaithe agus na bu shaoire. An toiseach chaidh an diofar mhodail ainmeachadh le diofar litir na h-aibidil, 's dòcha am Modail T as fheàrr a dh'aithnicheadh dhiubh. Chaidh na Model Ts a chur a-mach eadar 1908 agus 1927.

Tha ceithir dorsan aig a' chàr san dealbh seo agus tha dùdan mòr aige cuideachd ach an toireadh e rabhadh do bheathaichean no daoine a bha ro fhaisg. Air a cheangal ris a' chlàr-bhòrdaidh tha tiona a-bharrachd airson peatrail.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iain MacNeacail agus am Ford aige, 1912

NEO-AITHNICHTE

1910an

càraichean; seann chàraichean; carbadan

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

Chan eil fhios co 'n àireamh modail a th' air a' chàr seo ach tha iad den bheachd gur e Ford a th' ann, air a cheannach ann am Birmingham beagan ron Chiad Chogadh air £300. <br /> <br /> Thòisich companaidh motair Ford ann an 1903 agus dh'fhàs e gu bhith na thè de na corporaidean a bu mhotha san t-saoghal. Chuir an companaidh a cheann-oifisean agus a dhèanamh ann am Michigan, USA. Thug iad a-steach dòighean-obrach ùra ann an togail chàraichean, leithid loidhne-dhèanamh far an robh gach neach-obrach a' dèanamh an aon phìos obair fad an t-siubhail agus, leis na dòighean sin, bha iad a' cur a-mach nan carbadan na bu luaithe agus na bu shaoire. An toiseach chaidh an diofar mhodail ainmeachadh le diofar litir na h-aibidil, 's dòcha am Modail T as fheàrr a dh'aithnicheadh dhiubh. Chaidh na Model Ts a chur a-mach eadar 1908 agus 1927. <br /> <br /> Tha ceithir dorsan aig a' chàr san dealbh seo agus tha dùdan mòr aige cuideachd ach an toireadh e rabhadh do bheathaichean no daoine a bha ro fhaisg. Air a cheangal ris a' chlàr-bhòrdaidh tha tiona a-bharrachd airson peatrail.