Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Teaghlach 'IcAsgaill bho Tharlois, mu 1900
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_13_007_001
ÀITE
Tarlois
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1900s
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42594
KEYWORDS
aodach
fasan
seann aodach bhoireannaich
deilbh dhreasa
The MacAskill Family of Harlosh, c1900

'S e an tiotal a th' air an dealbh-camara seo 'the MacCaskill (MacAskill) family, Harlosh, Isle of Skye'. O chlì gu deas 's iad Catriona, Mairead/Peigi, Mòr, Anna is Màiri. Tha a h-uile coltas gur ann ann an stiùdio a chaidh an dealbh a thogail, 's an còignear aca air an còmhdach gu spaideil.

Tha na dreasaichean coltach ri chèile ann an dath dorch, le mullaichean teann don chorp os cionn sgiorta le beulaibh còmhnard agus pleataichean don chùl. Ged a tha iad coltach ann an stoidhle, tha feartan air gach dreasa a tha gam fàgail buileach sònraichte. Tha iomadh feart de dheilbh mar phleata beag prìne, oirean leth-chearcallach, froidhneasan, iomallan pleatach agus tarraing-còmhla san anairt a' fagail nam mullaichean inntinneach agus fasanta. Tha cuid de na muinichillean glè lom, caol, gun annas agus feadhainn dhiubh mòr farsaing air stoidhle 'leg of mutton' a chleachdadh mòran a bharrachd aodaich. Air gach coilear àrd tha feartan mar phutanan no bràisdean, agus tha slabhraidhean seudaireachd, a tha ceangailte aig a' choilear agus aig a' mheadhan, aig dithis dhiubh mar fheart a-bharrachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Teaghlach 'IcAsgaill bho Tharlois, mu 1900

INBHIR NIS: Diùirinis

1900s

aodach; fasan; seann aodach bhoireannaich; deilbh dhreasa

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

'S e an tiotal a th' air an dealbh-camara seo 'the MacCaskill (MacAskill) family, Harlosh, Isle of Skye'. O chlì gu deas 's iad Catriona, Mairead/Peigi, Mòr, Anna is Màiri. Tha a h-uile coltas gur ann ann an stiùdio a chaidh an dealbh a thogail, 's an còignear aca air an còmhdach gu spaideil. <br /> <br /> Tha na dreasaichean coltach ri chèile ann an dath dorch, le mullaichean teann don chorp os cionn sgiorta le beulaibh còmhnard agus pleataichean don chùl. Ged a tha iad coltach ann an stoidhle, tha feartan air gach dreasa a tha gam fàgail buileach sònraichte. Tha iomadh feart de dheilbh mar phleata beag prìne, oirean leth-chearcallach, froidhneasan, iomallan pleatach agus tarraing-còmhla san anairt a' fagail nam mullaichean inntinneach agus fasanta. Tha cuid de na muinichillean glè lom, caol, gun annas agus feadhainn dhiubh mòr farsaing air stoidhle 'leg of mutton' a chleachdadh mòran a bharrachd aodaich. Air gach coilear àrd tha feartan mar phutanan no bràisdean, agus tha slabhraidhean seudaireachd, a tha ceangailte aig a' choilear agus aig a' mheadhan, aig dithis dhiubh mar fheart a-bharrachd.