Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dr. I. F. Grant a' draibheadh a càr Morris 8
EXTERNAL ID
KIGHF_IF_GRANT_16
CRUTHADAIR
I F Grant
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42677
KEYWORDS
dòigh-beatha nan Gàidheal
taighean dubha
togalaichean
taighean-tasgaidh
taisbeanaidhean
carbadan
Dr. I. F. Grant driving her Morris 8 car

San dealbh seo chithear an Dr. I. F. Ghrannd a' draibheadh a càr Morris 8, a' cruinneachadh stuth dhan taigh-tasgaidh aice.

Ged a rugadh i ann an Dùn Èideann 's a thogadh i ann an Lunnainn, bha Isabel Frances Grant 'first and foremost a Highlander, with a strong sense of belonging in the north country and in particular to the Grant country of Strathspey. She was justifiably proud of her family and their long domicile in the Highlands as the Grants of Tullochgorm' (Hugh Cheape, 2007).

Chuir a h-ùidh ann am beatha agus dualchas na Gàidhealtachd cruth air a sgrìobhadh agus air an taigh-tasgaidh a chuir i air bhonn. Dh'aithnicheadh an toiseach e mar Am Fasgadh agus tha a cruinneachadh agus a feallsanachd air bun-stèidh a chur ris an àite air a bheil an-diugh Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd (Highland Folk Museum).

Bha eachdraidh Alba agus dualchas na Gàidhealtachd tuinte innte agus sgrìobh Iseabal Ghrannd a ciad leabhar 'Everyday Life of an Old Highland Farm' ann an 1924, air a stèidheachadh air seann leabhraichean cunntais an 18mh linn a dh'fhàg fear de a sinnsearan, Uilleam Mac an Tòisich à Bail' an Easbaig, faisg air Cinn a' Ghiùthsaich.

Nuair a rinn i siubhal feadh na Roinn Eòrpa, bha buaidh mhòr aig 'gluasad nan taigh-tasgaidh a-muigh' oirre agus ann an 1934 chuir i roimhpe gun leanadh i sin le bhith a' cur air bhonn taigh-tasgaidh dualchas na Gàidhealtachd. Rùnaich i gun clàradh i na b' urrainn dhi de dhòigh-beatha na Gàidhealtachd a bha gu luath a' dol às agus gun glèidheadh i iomadh rud a bha air a chleachdadh leis na Gàidheil.

Ach a bharrachd air a bhith a' cruinneachadh rudan, chùm Iseabal Ghrannd oirre a' sgrìobhadh 's a' foillseachadh. San obair a b' ainmeil aice, 'Highland Folk Ways' (1961) mhìnich i cultar na Gàidhealtachd a thaobh rudan ceart agus rudan sa cheann, a' chuid as motha de na deilbh de rudan dualchasach a' tighinn bho a cruinneachadh fhèin. Chaidh dotaireachd onorach a thoirt mar dhuais dhi le Oilthigh Dhùin Èidinn ann an 1948 agus fhuair i MBE ann an 1959 airson na rinn i do sgoilearachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dr. I. F. Grant a' draibheadh a càr Morris 8

dòigh-beatha nan Gàidheal; taighean dubha; togalaichean; taighean-tasgaidh; taisbeanaidhean; carbadan

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection