Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais a' Chlachan Aillsich le leac-uaighe Fearchar MacMhathain
EXTERNAL ID
PC_TAYLOR_LOCHALSH_1_009
ÀITE
An Clachan Aillseach
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
42698
KEYWORDS
eaglisean
cladhan
ionadan tiodhlacaidh
cillean
Kirkton Church with gravestone of Farquhar Matheson

Dealbh camara a chaidh a thogail ann an 2006 de dh'Eaglais a' Chlachan Aillsich. Tha leac-uaighe Feachar MacMhathain ri fhaicinn ri aghaidh an deilbh.

Rugadh Fearchar MacMhathain MB, JP, anns An Dòrnaidh air 15 An Cèitean 1840 agus bhàsaich e ann an Lunnainn san Lùnastal 1905.

Tha eaglais air a bhith air an làraich seo, no faisg air, o mheadhan an t-17mh linn. Tha iomradh ann an clàir na clèire air seann eaglais a bha air fàs cho dona ann an 1803 's gun deach a leagail. Chaidh òrdugh a thoirt dhan t-sealbhadair aig an àm, Sir Ùisdean Innes, eaglais ùr a ghabhadh 800 duine nan suidhe a thogail, is chaidh an eaglais ùr fhosgladh air 13 Lùnastal 1807, an ìre mhath mar a tha i an-diugh, ach nach gabh i ach mu 150 duine.

Bha màl ann airson suidheachain aig an àm, is tha coltas gun do dh'fheuch Sir Ùisdean ri cuid den airgead a chosg e a' togail na h-eaglais fhaighinn air ais le màl àrd a stèidheachadh. Airson ùine, bha daoine le bataichean air am fastadh gus dèanamh cinnteach gun robhas ga phàigheadh, is a chum duine nach robh air a phàigheadh a chumail às an eaglais. Gu fortanach, chaidh stad a chur air seo. 'S dòcha gun deach an taobh a-staigh a leasachadh ri linn Bhioctoria. Lorg luchd-obrach amar-baistidh beag cloiche ann an cladh na h-eaglais anns na 1950an, is dh'ath-sgeadaich ball den choithional e.

B' e togalach A' Chlachain Aillsich an aon togalach clèireach ann an Loch Aillse gu 1827, nuair a chaidh eaglais a thogail sa Phloc. Roimhe sin, bhiodh daoine a' coiseachd mìltean mòra dhan eaglais gach Sàbaid. Nuair a chaidh an rèile a leudachadh gu Caol Loch Aillse ann an 1897, chaidh eaglais eile a thogail an sin air sgàth 's an àrdachadh sluaigh a bh'ann. 'S àbhaist gu bheil seirbheisean anns na trì eaglaisean sa pharraist gach Sàbaid. Tha am fiosrachadh seo air a thoirt o bhileig a gheibhear san eaglais.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais a' Chlachan Aillsich le leac-uaighe Fearchar MacMhathain

ROS: Loch Aillse

2000an

eaglisean; cladhan; ionadan tiodhlacaidh; cillean