Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Prince Charles Edward Stuart

Tha an dealbh seo de Theàrlach Òg Stiùbhart ann am prìomh thalla Taigh Baile Inbhir Nis. Chaidh an dealbh a dhèanamh le C.J. Mac an Tòisich anns an naoidheamh linn deug agus chaidh an dealbh a thoirt dhan bhaile leis an t-seann bhàillidh F.S. MacAlasdair ann an 1907.

B' e Am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart (1720-1788) am mac a bu shine aig SeumasFrancis Eideard Stiùbhart, An Seann Tagraiche. Rugadh e anns An Ròimh, ogha Rìgh Sheumais VII na h-Alba agus II Bhreatainn, a bha air an crùn a chall anns an 'Ar-a-mach Ghlòrmhòr' ann an 1688. Bha Teàrlach Eideard dhen bheachd gum b' e athair an t-oighre dligheach air crùn Bhreatainn.

An dèidh mar a dh'fhàilling le ar-a-mach Seumasach athar ann an 115, bha Teàrlach Eideard no Teàrlach Òg Stiùbhart os cionn ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745 gus an crùn fhaighinn air ais do Rìghrean Stiùbhartach.

Thòisich an t-ar-a-mach gu math agus ràinig na Seumasaich Derby ann an Sasainn mus do thill iad dhan Ghàidhealtachd. Thachair arm nan Seumasach ri feachdan an riaghaltais air Mòinteach Chùil Lodair anns a' Ghiblean 1746. Bha am blàr mu dheireadh ann am Breatainn seachad an dèidh nas lugha na uair an uaireadair agus còmhla ris bha ar-a-mach nan Seumasach seachad cudeachd.

An dèidh mar a dh'fhàilling le Teàrlach Òg Stiùbhart aig Cùil Lodair, b' e an duine ann am Breatainn air an robh na h-ùghdarrasan ag iarraidh grèim fhaighinn, ach chaidh aige air teicheadh dhan Fhraing le taic bho Fhionnghal NicDhòmhnaill. Chuir e seachad an còrr dhe bheatha anns An Ròimh, agus bha nighean aige, Charlotte, air taobh a-muigh a' phòsaidh, mus do phòs e Louise Maximilienne Caroline ann an 1772. Dh'eug e anns An Ròimh ann an 1788

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart

1800an

Taigh Baile Inbhir Nis; dealbhan; C.J. Mac an Tòisich; F.S. MacAlasdair; Seumas Stiùbhart; Tagraiche; Teàrlach Òg Stiùbhart; Seumasaich; Cùil Lodair; Fionnghal NicDhòmhnaill

Am Baile

Inverness Town House 2007