Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A. T. F. Friseal à Obar Thairbh
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_53
ÀITE
Inbhir Nis
LINN
1820an
CRUTHADAIR
Thomson of Duddingston
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
428
KEYWORDS
Taigh a' Bhaile Inbhir Nis
Friseal
Sìm Friseal
Seumasaich
oighreachdan MhicShimidh
oighreachdan caillte
A.T.F. Fraser of Abertarff

Tha an dealbh seo de A. T. F. Friseal à Obar Tairbh, le Mac Thòmais à Duddingston, crochte san t-Seòmar Comhairle ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis. Thathar den bheachd gun deach a peantadh sna 1820an.

B' e mac dìolain a bh' aig Iain Friseal a bh' ann an Gilleasbaig Tòmas Freadaraig Friseal, agus b' e Iain Friseal aon de na còignear mhac aig Gilleasbaig Caimbeul Friseal, leth bhràthair dhan t-Seanailear Friseal, am mac bu shine aig Sìm Friseal, Mac Shimidh.

Chaidh oighreachdan Mhic Shimidh a thoirt bhuaidhe às dèidh ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Chaidh na h-oighreachdan, ach cha deach na còirean dligheach, a thoirt air ais dhan t-Seanailear Friseal airson a chuid seirbheis còmhla ris an t-Seanailear Wolfe ann an Ciùbaic.

B' ann gu leth bhràthair an t-Seanailear Friseal a chaidh na h-oighreachdan sinnsearail. Bha Gilleasbaig beò gu fìor sheann aois. Bhàsaich a chòignear mhac roimhe gun oighre dhligheach. Mar sin, b' e an t-ogha dìolain, Gilleasbaig Tòmas Freadaraig Friseal, a bha aithnichte mar Friseal Obair Thairbh, a fhuair sealbh air an oighreachd.

Bhàsaich Obar Tairbh fhèin ann an 1884 gun oighre fireann agus chaidh am fearann gu Friseal Mhòr Mhonadh, a b' e an ath neach san loidhne teaghlaich agus aig an robh còir mar-thà air tiotal MhicShimidh. Chaidh an tiotal a thoirt air ais dha gu h-oifigeil tro Achd Pàrlamaid ann an 1857

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A. T. F. Friseal à Obar Thairbh

1820an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; Friseal; Sìm Friseal; Seumasaich; oighreachdan MhicShimidh; oighreachdan caillte

Am Baile

Inverness Town House 2007