Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Donald Macdonald

Tha an dealbh seo de Dhòmhnall MacDhòmhnaill crochte san trannsa gu h-àrd ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis. Tha an neach-ealain gun urra.

Rugadh Dòmhnall MacDhòmhnaill ann an Inbhir Nis ann an 1872. Fhuair e a chuid fhoghlaim ann an Àrd-sgoil Inbhir Nis agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a dh'fhàg e an sgoil chaidh e na fhoghlamaiche-ciùird gu buidheann ailtirean, Ros agus MacBheatha. Sia bliadhna às dèidh sin chaidh a chur ann an dreuchd clàrc obrach air sgeama leudachaidh ann an Ospadal Inntinn Sgìre Inbhir Nis. Chaidh MacDhòmhnaill an uair sin gu buidheann chunnradairean togail, Friseal agus MacDhòmhnaill, a chaidh a stèidheachadh bho thùs le athair agus Ùisdean Friseal. Chaidh e air adhart gu bhith na neach-chompàirt an sin aig àrd ìre.

Bha MacDhòmhnaill na bhall den Chomhairle Paraiste, a' cosg mòran de a chuid ùine a' riaghladh Lagh nam Bochd agus a' cur ri maitheas nan daoine fo chùram ann an Stèidheachd Muirfield. Bha e a' frithealadh air Comhairle a' Bhaile airson timcheall air dà bhliadhna dheug agus aig an àm sin fhuair e dreuchd Deadhan Comainn agus Bàillidh. Ann an 1931 chaidh MacDhòmhnaill a thaghadh mar Phròbhaist. Chùm e air a' cuideachadh bochdan a' bhaile le bhith ag eagrachadh 'rèisean gheàrr' gus airgead a thogail agus a' riaghladh nì a thàinig gu bhith air ainmeachadh Maoin Guail a' Phròbhaist.

Bha ùidh aig MacDhòmhnaill ann an spòrs, a' cur taic ri Club Ball-coise Chlach na Cùdainn agus a' cur ri planaichean gus raointean cluiche agus amair poblach a sholarachadh dhan bhaile. B' e Riochdaire Iar-Shiorraidh Urramach, Neach-ceartais na Sìth agus ball de Bhòrd Ùghdarrais an Ospadail Inntinn a bh' ann. B' e saor-chlachair a bh' ann cuideachd agus bha e air a bhith na Mhaighistir ann am meur Naoimh Eòin ann an Cill Dingeain.

Bhàsaich am Pròbhaist Dòmhnall MacDhòmhnaill air 1 Dàmhair 1933 agus e fhathast na dhreuchd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Domhnall MacDhòmhnaill

1930an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; deilbh; pròbhaistean; ailtirean; cunnradairean togail; Comhairle Baile; ospadail inntinn; Stèidheachd Muirfield; Maoin Guail; ball-coise; amair; saor-chlachairean

Am Baile

Inverness Town House 2007