Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Thomas Telford

Tha an dealbh seo de Thòmas Telford crochte aig mullach na staidhre ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis. Is e Somhairle Lane an neach-ealain. Tha mòran dheilbh eile air a' chùl coltach ri seo le diofar phròiseactan innleadaireachd.

Tha an sanas ag ràdh: 'Thomas Telford. Engineer of the Caledonian Canal etc. Born 1757. Died 1834. F.D. Mitchell Esq.'

Rugadh Tòmas Telford air 9 Lùnastal 1857, mac dha Iain Telford, cìobair à Siorrachd Dhùn Phris.

Bha e ag obair mar chlachair anns na Crìochan an toiseach agus an uair sin ann an Dùn Èideann, far an do dh'ionnsaich e tarraing dhealbhan dha fhèin nuair a bha àm saor aige agus ionnsachadh air ailtireachd.

Chaidh e a Lunnainn far an robh e ag obair air Taigh Somerset. B' ann an sin a thàinig e gu aire Uilleam Pultney.

Bha Pultney na stiùiriche air Comann Iasgaireachd Bhreatainn agus mar sin rinn Telford ceangal ris a' Chomann a mhaireadh fad a bheatha. Thug Telford comhairle seachad air leasachadh cuid mhòr de na h-acarsaidean air feadh ceann a tuath Alba, obair a thug e gu bhith an sàs ann an sgrùdaidhean riaghaltais air a' Ghàidhealtachd. Mar thoradh air an sin, chaidh coimisean a chur air bhonn ann an 1803 gus rathaidean agus drochaidean a thogail, agus gu togail a' Chanàl Caladòinianach le Telford mar phrìomh neach-tomhais.

Thug Telford comhairle seachad air togail chlaisean uisge ann an àiteachan eile air feadh an t-saoghail leithid Canàl Gotha san t-Suain agus Canàl Panama.

Dhealbhaich Telford mìltean de dhrochaidean cloiche. Is e Drochaid Dean ann an Dùn Èideann aon den fheadhainn as ainmeile. Chaidh e air adhart a leasachadh dhrochaidean iarainn obraichte, nam measg drochaid grinn Chreig Craigellachie an cois Fàn Spè agus an drochaid crochaidh ainmeil tarsainn Caolas Menai eadar eilean Anglesey agus tìr-mòr na Cuimrigh.

Chaidh comhairle a ghabhail bho Telford air grunn phròiseactan rèile, amair uisge agus solarachaidhean uisge. Eadar 1823 agus 1830 stiùir e dealbhadh agus togail eaglaisean agus mansaichean dha Eaglais na h-Alba.

Chaochail Tòmas Telford air 2 Sultain 1834. Chaidh a thiodhlacadh ann an Abaid Westminster

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tòmas Telford

1800an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; deilbh; innleadairean; clachairean; Comann Iasgaireachd Bhreatainn; acarsaidean; rathaidean; drochaidean; claisean-uisge; an Canàl Caladòinianach; eaglaisean

Am Baile

Inverness Town House 2007