Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh a' Bhaile Inbhir Nis - Pananl Fiodha 1
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_64
ÀITE
Inbhir Nis
LINN
1680an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
439
KEYWORDS
Taigh a' Bhaile Inbhir Nis
Gearradh Arm
Armachd
suaicheantais
facail-suaicheantais
earraideas
clachairean
Abaid
Doiminigeanach
Inverness Town House - Wooden Panel 1

Tha am pannal fiodha seo, aon de dhà dhiubh, crochte air an staidhre ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis. Thathar den bheachd gu bheil e a' dol air ais gu 1686 oir air a' phannal eile tha Gearradh Airm Theàrlaich II air an aghaidh agus '86' air a' chùl.

Tha am pannal a' taisbeanadh an riochdachaidh as tràithe de Ghearradh Airm Borgh Inbhir Nis, càmhal air sgiath dhearg le tacsa bho dhà ailbhean. Is e adharc-shaidhbhreis a th' anns an t-suaicheantas lìonte le dìtheanan agus is e am facal-suaicheantais 'Concordia et Fidelitas' (Co-chòrdachd agus Dìlseachd).

Thathar a' smaoineachadh gu bheil an càmhal agus an dà ailbhean a' riochdachadh malairt farsaing a' bhaile ris an Taobh an Ear anns na meadhan linntean.

Ann an 1683 chaidh Seumas Mac a' Ghobhainn, Sàr Chlachair à Dùn Èideann, a bharantachadh an Gearradh Airm a shnaigheadh ann an aon de na clachan san drochaid a bhathar a' togail aig an àm. Thugadh an iomradh dha 'Our Saviour on the Cross supported by a dromedary on the dexter and an elephant on the sinister'. Trì bliadhna às dèidh sin, ged a bha e air a' chlach a ghearradh, chaidh iarraidh air fear eile a shnaigheadh le càmhal air an sgiath le tacsa bho dhà ailbhean, mar a bha e air a' phannal. An dàrna cuid cha robh an Comhairle cinnteach às a' Ghearradh Airm no 's dòcha nach robh iad ag iarraidh a bhith air am faicinn a' cur taic ri Eaglais na Ròimh. Cha robh poileasaidhean cràbhach an rìgh Caitligeach Seumas II agus VII air am meas idir. Chaidh a chur à dreuchd mu dheireadh thall ann an 1688 agus chaidh na Pròstanaich Uilleam agus Màiri a chur na àite. Aig a' cheann thall chaidh a' chlach thùsail, air a bheil an ceann-là 1686, a chleachdadh agus tha i a-nis air a cur dhan bhalla an iar de Thaigh a' Bhaile. Tha am facal suaicheantais air atharrachadh gu 'Dìseachd agus Co-chòrdachd'.

Tha a' Chrois air a toirt às a' chiad seula de Bhorgh Inbhir Nis. Bha i an toiseach na seula ann an Abaid Doiminigeanach a bha ann an Inbhir Nis bho 1233 gus an Ath-leasachadh. Chan eil càil air fhàgail den Abaid ach an seann chladh.

Chaidh an Gearradh Airm a dhèanamh oifigeil mu dheireadh thall ann an 1900. Bha e air a chleachdadh gu 1975 nuair a thàinig am borgh gu bhith na phàirt de Sgìre Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis - Pananl Fiodha 1

1680an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; Gearradh Arm; Armachd; suaicheantais; facail-suaicheantais; earraideas; clachairean; Abaid; Doiminigeanach

Am Baile

Inverness Town House 2007