Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clàr a’ cuimhneachadh air Eilthireachd Ghlinne Garadh à Cnòideart a Chanada ann an 1786
EXTERNAL ID
PC_BJMACDONALD_001
ÀITE
Baile Uilleim, Ontario, Canada
DEIT
5 An t-Ògmhios 2012
LINN
1780an
CRUTHADAIR
B.J. MacDonald
NEACH-FIOSRACHAIDH
B.J. MacDonald
AITHNEACHADH MAOINE
43909
KEYWORDS
clàran
eilthireachd
Plaque commemorating the Glengarry Emigration from Knoydart to Canada in 1786

Air 29 An t-Ògmhios 1786, dh’fhàg mu 530 neach Cnòideart agus Mòrar a Tuath, a dèanamh air Siorrachd Ghlinne Garadh, Canada. Bha an àireamh seo a’ gabhail a-steach mu leth de thuathanaich gabhaltais Chnòideart.

Bha fàilligeadh bàrr agus abachaidhean bochd eadar 1782 agus 1784 na adhbhar airson uachdarain caoraich a thoirt a-steach do an oighreachdan agus a’ cur suas màl an luchd-gabhaltais. Mar thoradh air an seo, cho tràth ris a’ Ghiblean 1784, thòisich àireamh brìgheil den luchd-gabhaltais ag ullachadh airson eilthireachd.

Chaidh eilthireachd 1786 a chuir air dòigh le Aonghas MacDhòmhnaill, oifigear Leth-Phàigheadh bhon 71mh Rèiseamaid Coise a bha air sabaid dhan Chrùn anns an Ar-a-mach Ameireaganach; An t-Athair Alasdsir MacDhòmhnaill, an sagart Caitligeach ann an Cnòideart; agus Aonghas Bàn MacDhòmhnaill, tuathanach-gabhaltais buadhach. Gu deatamach, bha càirdean aig Aonghas Bàn agus an t-Athair Alasdair a bha air fearann fhaighinn ann an Siorrachd Ghlinne Garadh a bha air ùr sgrùdadh agus a bha a’ soirbheachadh an sin.

An dèidh bhòidse a mhair naoi seachdainean air an t-soitheach McDonald ràinig iad Ciùbaic air 31 An Lùnastal. An dèidh latha no dhà chùm iad orra chun iàr-dheas gu Montreal, agus mu dheireadh ràinig iad Siorrachd Ghlinne Garadh tràth san Dàmhair. Dh’aontaich an riaghaltas biadh a thoirt dhaibh tron gheamhradh gus an tug foghar 1787 cothrom dhaibh iad fhèin a bheathachadh.

Tha an clàr seo ann an gàrraidhean Eaglais Naomh Raphael, an-diugh na tobhta. Chaidh an eaglais a thogail anns na 1820an agus bha i a’ frithealadh coitheanalan nan eilthireach Gàidhealach.

Mòran tàing dha B.I. NicDhòmhnaill airson an ìomhaigh. Ghebhear seo, agus feadhainn eile air a làrach-lìn sgoinneil blog

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clàr a’ cuimhneachadh air Eilthireachd Ghlinne Garadh à Cnòideart a Chanada ann an 1786

1780an

clàran; eilthireachd