Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh a' Bhaile Inbhir Nis - Uinneagan 9
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_68
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1870an;1880an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
443
KEYWORDS
Taigh a' Bhaile Inbhir Nis
uinneagan glainne dhathach
glainne
clachairean
Gearradh Airm
Armachd
facail suaicheantais
suaicheantais
earraideas
seulan
Domanaiceanaich
Abaid
Inverness Town House - Windows 9

Tha na h-uinneagan seo de ghlainne dhathte air a' chiad bhràigh dhen staidhre ann an Taigh a' Bhaile, Inbhir Nis.

Tha na h-uinneagan air an lasadh air an làimh chlì le Gearradh Airm na h-Alba, anns a' mheadhan le Gearradh Airm Borgh Inbhir Nis agus air an làimh dheis le Gearradh Arm Bhreatainn.

Nuair a bha taigh a' Bhaile ga thogail ruith a' Chomhairle a-mach à airgead agus thàinig a' ghlainne a chaidh a chleachdadh airson nan uinneagan seo às an taigh a bh' ann roimhe a bha air an aon làraich. Bha a' ghlainne dèante anns an Òlaind sna 1700an agus chaidh a peantadh le làimh. Is e seo a' ghlainne baile as tràithe ann an Alba.

Tha ìomhaigh de Chrìosd air a' Chrann-ceusaidh ann an Gearradh Airm Inbhir Nis ann an dathan nàdarrach air sgiath dhearg, le taic air an làimh chlì bho ailbhean agus air an làimh dheis bho chàmhal. Is e adharc a th' anns an t-suaicheantas a tha air a lìonadh le flùraichean. Is e na facail-suaicheantais 'Concordia et Fidelitas' (Co-chòrdadh agus Dìlseachd).

Tha a' Chrois air a toirt bho chiad seula Borgh Inbhir Nis. Thàinig an seula à Abaid Dhoiminigeanach bho thùs a bha ann an Inbhir Nis bho 1233 gu àm an Ath-leasachaidh. Chan eil càil air fhàgail den t-seann Abaid ach an seann chladh.

Thathar den bheachd gu bheil an càmhal agus an t-ailbhean a' riochdachadh malairt farsaing a' bhaile sna meadhan linntean leis an Taobh an Ear.

Ri taobh nan uinneagan tha dà phannal fiodha, dèante ann an 1686. Tha aon de na pannalan a' taisbeanadh an riochdachaidh as tràithe de Ghearradh Arm Borgh Inbhir Nis, càmhal air sgiath dhearg air a chumail suas le dà ailbhean.

Ann an 1683 chaidh Seumas Mac a' Ghobhainn, Àrd Chlachair à Dùn Èideann a bharantachadh gus an Gearradh Airm a ghearradh ann an cloich airson na drochaid a bhathar a' togail aig an àm. Chaidh iomradh a thoirt dha air 'Ar Slànaighear air a' Chrann-ceusaidh a' faighinn taic bho chàmhal air an làimh dheis agus ailbhean air an làimh chlì'. Trì bliadhna às dèidh sin, ged a bha e air a' chlach a ghearradh, chaidh iarraidh air tè eile a shnaigheadh le càmhal air an sgiath le taic bho dhà ailbhean, mar a bha air a' phannal.
Is dòcha nach robh a' Chomhairle cinnteach às a' Ghearradh Airm no cha robh iad airson a bhith air am faicinn a' cur taic ri Caitligeas. Cha robh meas sam bith air na poileasaidhean cràbhach aig a' Chaitligeach Rìgh Seumas II agus VII.. Chaidh a chur à dreuchd mu dheireadh thall ann an 1688 agus chaidh na pròstanaich Uilleam agus Màiri a chur na àite. Aig a' cheann mu dheireadh chaidh a' chiad chloich, air a bheil an ceann-là 1686, a cleachdadh agus tha i a-nis air a cur ann am balla an iar Taigh a' Bhaile. Tha na facail-suaicheantais air an atharrachadh gu 'Fidelitas et Concordia' (Dìlseachd is Co-chòrdadh).

Chaidh an Gearradh Airm a dhèanamh oifigeil mu dheireadh thall ann an 1900. Bha e air a chur gu feum gu 1975 nuair a chaidh am borgh na phàirt de dh'Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis - Uinneagan 9

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1870an;1880an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; uinneagan glainne dhathach; glainne; clachairean; Gearradh Airm; Armachd; facail suaicheantais; suaicheantais;; earraideas; seulan; Domanaiceanaich; Abaid

Am Baile

Inverness Town House 2007