Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Inverness Harbour

Tha an dealbh seo de 'Caladh Inbhir Nis' le Teàrlach de Lacy (timcheall air 1860-1936) crochte ann an Seòmar a' Phròbhaist ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis.

Air a peantadh ann an 1901 tha an sealladh bho Chidhe Sràid a' Chladaich sìos dhan bhaile. Bha Inbhir Nis na phort cudromach a' malairt leis na Meadhan Thìrean agus an Taobh an Ear o àm nam meadhan linntean. A dh'aindeoin nan rathaidean iarainn bha bathar na bu troma fhathast a' tighinn a-steach air muir agus chaidh Cidhe Sràid a' chladaich a leasachadh dha na bàtaichean a bha a' tarraing gual.

Tha trèana smùid a' dol tarsainn na drochaid rèile thairis air Abhainn Nis. Chaidh an drochaid a thogail ann an 1862 le Iòsaph Mitchell dha Rathad Iarainn Inbhir Nis is Siorrachd Rois. Chaidh a sguabadh air falbh às dèidh trì latha de thuiltean anns a' Ghearran 1989. Air fàire chithear stìopaill na Seann Àrd Eaglais agus na h-Eaglaise Saoire a Tuath

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caladh Inbhir Nis

1900an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; dealbhan peantaidh; Teàrlach de Lacy; Caladh Inbhir Nis; calaidhean; puirt; gual Sràid a' Chladaich; drochaidean; rathaidean iarainn; rathad iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois; Iòsaph Mitchell

Am Baile

Inverness Town House 2007

Tha an dealbh seo de 'Caladh Inbhir Nis' le Teàrlach de Lacy (timcheall air 1860-1936) crochte ann an Seòmar a' Phròbhaist ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis. <br /> <br /> Air a peantadh ann an 1901 tha an sealladh bho Chidhe Sràid a' Chladaich sìos dhan bhaile. Bha Inbhir Nis na phort cudromach a' malairt leis na Meadhan Thìrean agus an Taobh an Ear o àm nam meadhan linntean. A dh'aindeoin nan rathaidean iarainn bha bathar na bu troma fhathast a' tighinn a-steach air muir agus chaidh Cidhe Sràid a' chladaich a leasachadh dha na bàtaichean a bha a' tarraing gual. <br /> <br /> Tha trèana smùid a' dol tarsainn na drochaid rèile thairis air Abhainn Nis. Chaidh an drochaid a thogail ann an 1862 le Iòsaph Mitchell dha Rathad Iarainn Inbhir Nis is Siorrachd Rois. Chaidh a sguabadh air falbh às dèidh trì latha de thuiltean anns a' Ghearran 1989. Air fàire chithear stìopaill na Seann Àrd Eaglais agus na h-Eaglaise Saoire a Tuath