Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Joseph Mitchell C.E. of Viewhill, Inverness

Tha an dealbh seo a' sealltainn trì aghaidhean aodainn Eòsaph Mitchell, ann an seòmar Pròbhaist ann an Taigh Baile Inbhir Nis. Chan eil fhios cò a rinn an dealbh. Chaidh an dealbh a thoirt dhan bhaile le mac Eòsaiph Mitchell, an t-Urr. Dr. Mitford Mitchell.

Rugadh Eòsaph Mitchell ann am Farais ann an 1803. Ghluais an teaghlach a dh'Inbhir Nis ann an 1810 agus chaidh Mitchell gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. An dèidh sin lean e air fhoghlam ann anObar Dheathain. Ann an 1820 chaidh e a dh'obair air togail Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir far an tàinig e gu aire Thòmais Telford, agus an dèidh greis b' e an neach-taic aigesan.

Bho 1824 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1867, b' e Mitchell Sgrùdaiche Rathaidean agus Drochaidean na Gàidhealtachd. Bha e cuideachd ag obair na neach-innleachdaidh airson Comann Iasgach na h-Alba. Bhiodh e a' dèanamh sgrùdaidhean airson nan loidhnichean-rèile agus bha e an sàs ann an togail de thòrr den lìonraidh rèile air a' Ghàidhealtachd, an loidhne eadar Peairt agus Inbhir Nis nam measg sin.

Sgrìobh Mitchell iomadh leabhar agus nam measg sin bha 'Reminiscences of my Life in the Highlands'.

Dh'eug e na dhachaigh ann an Lunnainn air an 26mh dhen t-Samhainn 1883.

Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha an taigh aig Mitchell ann an Inbhir Nis, Taigh Viewhill, aig ceann Srpaid a' Chaisteil, air a chleachdadh mar ostail òigridh. Anns an Damhair 2007, an dèidh a bhith falamh fad iomadh bliadhna, chaidh a dhroch mhilleadh ann an teine

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eòsaph Mitchell C.E. à Viewhill, Inbhir Nis

1800an

Taigh Baile Inbhir Nis; dealbhan; luchd-innleachdaidh; Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis; Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir; Tòmas Telford; Rathaidean is Drochaidean na Gàidhealtachd; Comann Iasgach na Gàidhealtachd; Loidhnichean-rèile na Gàidhealtachd; Viewhill

Am Baile

Inverness Town House 2007