Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
The Reverend Donald Macdonald D.D.

Tha a' bhodhaig màrmoir seo, le Anndra MacDhaibhidh, san talla inntrigidh ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis aig taobh a deas na staidhre. Chaidh a thoirt dhan bhaile ann an 1887.

Tha an sgrìobhadh ag ràdh: 'The Reverend Donald Macdonald D.D. Born 29th October 1812. Ordained 19th May 1842. This Bust was presented to the Town of Inverness by his fellow Townsmen and Parishioners in testimony of their appreciation of his long and faithful services as minister of the Parish of Inverness and Bona on the completion of the forty fifth year of his ministry'.

Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach ann an Inbhir Nis. Fhuair e a chuid foghlam ann an Acadamaidh Inbhir Nis agus Colaiste an Rìgh ann an Obar Dheathain. An dèidh dha crìoch a chur air a chùrsa diadhachd bha e na sheaplain aig Colaiste an Rìgh airson dà bhliadhna.

Thill an Dòmhnallach a dh'Inbhir Nis agus ann an 1840 fhuair e cuireadh bhon Ollamh Rose a thighinn na neach-cuideachaidh dha san Àrd Eaglais. Chaidh a chur an dreuchd an sin air 19 Cèitean 1842.

Bliadhna às dèidh sin, chaidh Cathair na Feallsanachd Moralta ann an Colaiste Marischal ann an Obar Dheathain, a thabhach dha, ach air sgàth 's gun robh an eaglais ann an teis meadhan a' Bhristidh agus gun robh an t-Ollamh Rose ann an droch shlàinte, dhiùlt e e.

Fhuair an Dòmhnallach ceum Ollaimh Diadhachd bho Obar Dheathain ann an 1850. Ann an 1852 fhuair e dreuchd mar Phrìomh Mhinistear san Àrd Eaglais, dreuchd a ghlèidh e gu 1890.

Ann an 1883 chaidh an t-Ollamh Dòmhnallach ainmeachadh airson oifis Modaràtor na h-Eaglaise ach air sgàth bàs na mnatha aige, dhiùlt e.

Fhritheil an t-Ollamh Dòmhnallach mar chiad chathraiche air Bòrd Sgoile Inbhir Nis. Lìbhrig e cuideachd a' chiad chùrsa de dh'òraidean Ettles, a' taghadh eachdraidh Feallsanachd na h-Alba mar chuspair. Tha na h-òraidean bliadhnail, air am maoineachadh le dìleab bhon Bh Uas Màiri Ettles, a' leantainn orra gu stèidheachadh Comann Saidheansail agus Club Achadh Inbhir Nis.

Chaochail an t-Ollamh Urramach Dòmhnallach aig a dhachaigh, Pàirc a' Chnuic, Inbhir Nis air 28 Giblean 1892

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Urramach Dòmhnall Dòmhnallach D.D.

1880an

Taigh a' Bhaile inbhir Nis; bodhaigean; Anndra MacDhaibhidh; ministearan; diadhachd; Àrd Eaglais; An t-Ollamh Rose; Bòrd Sgoile Inbhir Nis; Ettles; Club Achadh Inbhir Nis

Am Baile

Inverness Town House 2007