Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Robert Carruthers

Tha a' bhodhaig màrmoir seo de Raibeart Carruthers air a thaisbeanadh san talla inntrigidh ann an Talla a' Bhaile Inbhir Nis air an làimh chlì den staidhre.

Tha an sgrìobhadh ag ràdh 'Robert Carruthers L.L.D for 43 years editor of the Inverness Courier. This bust by Alexander Munro was presented to the town of Inverness by upwards of 450 subscriptions at home and abroad. 1871'

Rugadh Raibeart Carruthers ann an Dùn Phris air 5 Samhain 1799. Bha a shinnsirean nan tuathanaich ann am paraiste Mousewald. Cha d' fhuair Carruthers mòran foghlaim ach aig aois òg thòisich e na fhoghlamaiche-ciùird aig reiceadair leabhraichean ann an Dùn Phris.

Na dhuine òg ghluais Carruthers gu Huntingdon ann an Sasainn far an do choinnich e ris an Ollamh Èideard Maltby, biocair Buckden, (a chaidh air adhart gu bhith na Easbaig air Chichester agus Easbaig air Durham) agus fo a stiùireadh ghabh e os làimh sgoil na sgìre a ruith.

Sgrìobh Carruthers eachdraidh Huntingdon, àite breith Oliver Cromwell. Sgrìobh e artaigilean cuideachd dha Teachdaire Dhùn Phris.

Ann an 1828 nuair a bha sealbhadairean Teachdaire Inbhir Nis, Iain Fearghasdan (Pròbhaist Inbhir Nis 1836-39), Seumas Sutor and Ruairidh Reach, a' coimhead airson neach-deasachaidh ùr, mhol ceannard Teachdaire Dhùn Phris Carruthers.

Bha Teachdaire Inbhir Nis, bho thòisich e ann an 1817 gu 1825, air a bhith ann an làmhan na Bean Ph NicIain, ùghdar grunn leabhraichean a' gabhail a-steach 'Còcaireachd Meg Dod'.

Thàinig Carruthers a dh'Inbhir Nis faisg air deireadh 1828. Dheasaich e Teachdaire Inbhir Nis gu 1831 nuair a bha e comasach air am pàipear a cheannach agus a chùm e air a' deasachadh gu àm a bhàis.

Lìbhrig Carruthers òraidean do dh'Aitreabh Feallsanachd Dhùn Èideann. Ghabh e grunn phròiseactan litreachail os làimh. Dheasaich e an obair aig Pope. Chuir e ri 'Leabhar Mòr-eòlais Litreachais Chambers (air a thòiseachadh leis an Ollamh Raibeart Chambers) agus chaidh e air adhart gu deasachadh an dàrna agus an treas eagran.

Dheasaich Carruthers cuideachd eagran de 'Iris Turais a dh'Innse Gall' aig Boswell. Sgrìobh e artaigilean dha 'Leabhar Mòr-eòlais Britannica' agus dha grunn ràitheachain agus thug e fiosrachadh dhan Mhorair MacAmhlaigh airson a leabhar 'Eachdraidh Shasainn'.

Ann an 1871 bhuilich Oilthigh Dhùn Èideann ceum urramach LLD air Raibeart Carruthers. Bhàsaich e air 26 Cèitean 1878

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Raibeart Carruthers

1870an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; bodhaigean; Alasdair Rothach; pàipearan naidheachd; Teachdaire Inbhir Nis; pròbhaistean; Iain Fearghasdan; Seumas Sutor; James Sutor; Ruairidh Reach; Meg Dods; Mairead Dods; Bh Ph NicIain; luchd deasachaidh

Am Baile

Inverness Town House 2007