Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
James Robertson

Tha an dealbh seo den Ollamh Seumas MacDhonnchaidh à Allt nan Sgitheach crochte san talla inntrigidh ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis gun làimh chlì den staidhre. B' e Iain Syme a pheant i, sgoilear agus neach-cuideachaidh don Ridire Eanraig Raeburn.

Tha sanas ag ràdh 'In testimony of regard for his private worth; and public usefulness while Chief Magistrate of Inverness. This portrait of James Robertson of Aultnaskiack M. D. was placed here by public subscription of his fellow citizens 1835'

Rugadh Seumas MacDhonnchaidh ann an 1765, mac dha Alasdair MacDhonnchaidh, Neach-tional Chìsean.

Ann an 1787 bha an Dr MacDhonnchaidh stèidhte mar lighiche ann an Inbhir Nis.Ghabh e fearann Allt nan Sgitheach, a bha dìreach na mhòintich aig an àm sin, bho MacDhaibhidh à Canntra. Bha a' chiad taigh a' coimhead gu tuath agus gheibhte thuige bho Shlighe Godsman. Dhùin an Dr MacDhonnchaidh a' chuairt thlachdmhor seo dheth gu mòr le uabhas muinntir Inbhir Nis.

Bha an Dr MacDhonnchaidh na bhall de Chomhairle a' Bhaile airson iomadach bliadhna. Fhritheil e mar Phròbhaist bho 1816-18, 1824-27 agus 1829-31.

Bho thùs bha an Dr MacDhonnchaidh an sàs ann an gnothaichean coimearsalta sa bhaile. Bha e na phrìomh neach-compàirt sa Bhùth Fìona air Sràid na Drochaid agus sa Bhùth Grosaireachd air an t-Sràid Àrd.
Ann an 1925 b' e an Dr MacDhonnchaidh aon den luchd-stèidh anns an 'Aitreabh a Tuath airson Àrdachadh Saidheans agus Litreachais' a bha a' dol airson 10 bliadhna. Bha e cuideachd na Stiùiriche air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus air a' Bhanca Caladòinianach.

Leig an Dr MacDhonnchaidh dheth a dhreuchd ann an 1830 ach chùm e air a' toirt comhairle meidigeach an-asgaidh agus chùm e ceanglaichean leis an Taigh-eiridinn a Tuath.
Chaochail an Dr MacDhonnchaidh air 27 Faoilleach 1847

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas MacDhonnchaidh

1830an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; dealbhan; pròbhaistean; Allt nan Sgitheach; Allt nan Sgitheach; Iain Syme; dotairean; Comhairle Bhaile Inbhir Nis; Godsman; bùithtean; saidheans; litreachas; Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis; Banca Caladòinianach; Taigh-eiridinn

Am Baile

Inverness Town House 2007