Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Sir Hector Munro of Novar

Tha an dealbh seo de Shir Eachann Rothach à Taigh an Fhuamhair crochte air an staidhre aig Taigh Baile Inbhir Nis. Chan eil fhios cò a rinn an dealbh.

Rugadh Sir Eachann Rothach ann an Cataibh ann an 1726. Bha a' chiad obair anns an arm còmhla ri rèiseamaid Gàidhealach Loudoun ann an 1747. B' e seo a' chiad obair ann am beatha obrach anns an arm, far an robh e ag obair anns a' mhòr-chuid anns Na h-Ìnnseachan.

B' ann aig Buxar a bha a' bhuaidh a bu mhotha aig Rothach. Bha airgead a fhuair e mar dhuais a' ciallachadh gum b' e duine beairteach a bha ann an uair a thill e ann an 1765 gu oighreachd Taigh an Fhuamhair ann an 1765. Ann an 1768, chaidh a thaghadh mar BP airson Sgìrean Inbhir Nis agus chùm e air na BP gu 1802 a dh'aindeoin a bhith a' cur seachad tòrr dhe chuid ùine anns na h-Ìnnseachan.

Fhuair an Rothach urram ridire airson smachd fhaighinn air Pondicherry ach chaidh a chàineadh airson a dhol a-mach anns a' chall uabhasach air raon Charnatic. Dh'àrdaich e a chliù a-rithist le buannachadh aig baile Negapatam ann an 1781.

Air tilleadh dhachaigh dh'òrdaich Sir Eachann gum biodh carragh air a thogail gus obair a thoirt dha na daoine anns an sgìre aig nach robh obair. Tha e air a ràdh gu bheil Carragh Fhaoireis a' riochdachadh geataichean Negatapam.

Ann an 1791 an uair a chaidh aontachadh tagh-cùrtach agus prìosan a thogail ann an Inbhir Nis, chuir Sir Eachann £200 ri cosgaisean togail agus thug e dhaib an cloc airson an stìopall. Chan eil air fhàgail an-diugh ach an stìopall agus an cloc.

Dh'eug Sir Eachann Rothach air an t-27mh dhen Dùbhlachd 1805

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sir Eachann Rothach à Taigh an Fhuamhair

1800an

Taigh Baile Inbhir Nis; dealbhan; rèiseamaid Gàidhealach Loudoun; mailisidh; iomairtean armailtach; Taigh an Fhuamhair; BP; Sgìre Inbhir Nis; carraighean; Faoighris; taighean-cùrtach; prìosain; stìopaill; clocaichean stìopaill; clocaichean

Am Baile

Inverness Town House 2007