Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seumas Boswell
EXTERNAL ID
AB_JAMES_BOSWELL
LINN
1780an
CRUTHADAIR
Sir Joshua Reynolds
AITHNEACHADH MAOINE
454
KEYWORDS
luchd-turais
siubhlaichean
siubhal
ealbhan-neach
Boswell agus Johnson
Boswell & Johnson
James Boswell

Rugadh Seumas Boswell ann an Dùn Èideann am 20mh Dàmhair 1740, na oighre ri oighreachd an teaghlaich ann an Ach nan Leac ann an Siorrachd Àir. Air foghlam gu prìobhaideach le taoitear, chaidh e air adhart gu sgrùdadh lagha ann an Dùn Èideann, an Glaschu agus ann an Utrecht, ged a b' e poileataics agus litreachas a b' fheàrr a chòrdadh ris. Ann an 1762 cheumnaich e san deuchainn Lagh Sìobhalta aige agus chaidh e a Lunnainn far an do choinnich e Samuel Johnson (Somhairle MacIain) airson a' chiad turas an ath-bhliadhna. Shiubhail e don Òlaind agus a Chorsica mus do phòs e a cho-ogha ann an 1769 agus chaidh e air ais a Dhùn Èidinn a dh'fhuireach ann. Ach bhiodh e fhathast air a thàladh air ais a Lunnainn air adhbharan sòisealta is poileataigeach.

Ann an 1773 chaidh Boswell a thaghadh na bhall den Chlub Litreachais le a charaid, MacIain. San aon bhliadhna dh'fhalbh an dithis air turas fada a dh'Alba agus do dh'Innse Ghall. Dh'fhoillsich MacIain cunntas dhen chuairt aca, 'Journey to the Western Isles of Scotland', ann an 1775. Deich bliadhna às dèidh sin chaidh an geàrr-chunntas aig Boswell fhèin fhoillseachadh, 'Journal of a Tour to the Hebrides'. Bha e cuideachd a' cur obair don 'London Magazine' eadar 1777 is 1783.

Bhàsaich MacIain ann an 1784 agus chuir Boswell seachad na bliadhnaichean às dèidh sin a' cruinneachadh stuth agus a' sgrìobhadh eachdraidh-beatha dhe charaid, obair dhuilich nach deach crìochnachadh gu 1791. Bha na bliadhnaichean deireannach de bheatha Boswell duilich dha gu pearsanta agus gu poileataigeach agus bhàsaich e sa Chèitean 1795.

Bha cliù Bhoswell an toiseach ceangailte ri eachdraidh-beatha MhicIain ach nuair a chaidh na leabhraichean-latha aige a lorg agus fhoillseachadh sna 1950an, còmhla ris a' chunntas air fad aige den Turas Albannach, dh'èirich meas air a chliù mar fhear-litreachais a' sgrìobhadh chunntasan air cultar is air a' chomann-shòisealta.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas Boswell

1780an

luchd-turais; siubhlaichean; siubhal; ealbhan-neach; Boswell agus Johnson; Boswell & Johnson