Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Teàrlach Grannd le Eanraig Raeburn
EXTERNAL ID
AB_LIBRARYPAINTING_002
CRUTHADAIR
Henry Raeburn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
455
KEYWORDS
luchd-poilitigs
deilbh dhaoine
peantadh
Charles Grant by Henry Raeburn

Rugadh Teàrlach Grannd, Baran Ghleann Eilg, ann am Bengal san Dàmhair 1778. B' e am mac a bu shine aig Teàrlach Grannd, fear-cathrach luchd-stiùiridh Companaidh 'British East India', agus aig Sìne Fhriseal.

Ann an 1811 chaidh a thaghadh do Thaigh nan Cumantan mar Bhall Pàrlamaid (BP) airson Buirgh Inbhir Nis, dreuchd a ghlèidh e gu ruig 1818. Chaidh an uair sin a thaghadh mar BhP airson Siorrachd Inbhir Nis. Bha diofar uallaichean air san riaghaltas Thòraidheach aig Iarla Liverpool, nam measg Morair Roinn an Ionmhais, agus Àrd-Rùnaire Èirinn. Ann an 1823 chaidh a chur an dreuchd mar Iar-Cheann-suidhe air Bòrd na Malairt agus on t-Sultain 1827 gun Ògmhios 1828 b' e Ceann-suidhe Bòrd na Malairt agus Ionmhasair an Nèibhidh.

Theich e do na Whigs ann an 1830 agus rinn e seirbheis mar Cheann-suidhe Bòrd an Smachd ann an riaghaltas a' Mhorair Grey. Sa Ghiblean 1835 chaidh a thaghadh dhan Phàrlamaid a-rithist airson cathair Siorrachd Inbhir Nis, ach an turas seo le dìreach seachd bhòtan a-bharrachd.

Chuir am Prìomhaire ùr, am Morair Melbourne, ann an dreuchd Rùnaire na Stàite do na Colonaidhean e. An ath-mhìos rinneadh e na Bharan Ghleann Eilg ann an Siorrachd Inbhir Nis. Tha cuid ag ràdh gun do ghabh e ris an uachdranachadh gus nach biodh feum aige taghadh eile a shabaid a dh'fhaodadh e gu dearbh a bhith air chall. Leig e seachad obair san riaghaltas ann an 1839 an dèidh càineadh fhaighinn airson mar a làimhsich e an ar-a-mach Chanàdianach.

Bliadhnaichean an dèidh sin ghluais e gu Cannes san Fhraing, far an do bhàsaich e air 23mh Giblean 1866, aig aois 87.

Tha am peantadh seo crochte ann an Leabharlann Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Teàrlach Grannd le Eanraig Raeburn

luchd-poilitigs; deilbh dhaoine; peantadh