Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgoil agus Oifis a' Phuist ann an Obar Itheachan
EXTERNAL ID
AB_LL_ABRIACHAN_POST_OFFICE
ÀITE
Obar Itheachan
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Am Baile
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
459
KEYWORDS
buildings
schools
schoolhouses
post offices
Abriachan School and Post Office

Bha an ùghdar Katharine Stewart a' ruith oifis a' phuist aig seann taigh-sgoile Obar Itheachan fad iomadh bliadhna. Chaidh an t-seirbheis a chumail a' dol leis an nighean aice gu ruig am Màrt 2008 nuair a chaidh oifis a' phuist a dhùnadh.

Rugadh Katharine Stiùbhart ann an 1914 agus thàinig i gu bhith am measg nan sgrìobhadairean a bu trainge air a' Ghàidhealtachd. Aig àm an Dàrna Cogaidh bha i ag obair aig Oifis na Maraireachd ann an Lunnainn agus às dèidh sin thàinig i a dh'fhuireach ann an Obar Itheachain (Abriachan), faisg air Inbhir Nis, far an robh i na croitear, ruith i am post-oifis agus sgrìobh i aithriseachdan airson a' BhBC. Bha i an luib na cùis nuair a chaidh taigh-tasgaidh beag a chur air bhonn ann an Obar Itheachain agus ann an 2005 choisinn i Duais Roinn na Gàidhealtachd de Chomann Bratach na Croise (Saltire Society) airson an ultaich a rinn i do chùis tuigisinn Cultar na Gàidhealtachd.

Chaidh a' chiad leabhar aig Katharine, 'A Croft in the Hills', fhoillseachadh ann an 1960 agus a-rithist ann an 1971. An rud a chaidh fhaicinn an toiseach na sgeulachd fhoghainteach, chaidh e fhaicinn a-rithist na phrìomh-aithneachadh de dhòigh-beatha a bha a' crìonadh gu luath. Lean 'A Garden in the Hills' ann an 1995, agus 'A School in the Hills' ann an 1996 agus 'The Post in the Hills' an 1997. Ghluais i an uair sin gu leabhraichean nach robh cho fèin-eachdraidheil le 'Abriachan: the story of an upland community', airson Urras Choilltean Obar Itheachain (2000), agus 'The story of Loch Ness' (2005). Tha an leabhar bho dheireadh a sgrìobh i, 'Women of the Highlands' (2006), na thuras inntinneach tro bheathannan bhoireannaich ainmeil na Gàidhealtachd tro na linntean. Tha an leabhar air a choisrigeadh 'To women everywhere, those custodians of life'.

Chaidh an iris mu dheireadh aice, 'Cattle on a Thousand Hills' fhoillseachadh ann an 2010. Chaochail i air an 27 Màrt 2013, aig aois 98.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgoil agus Oifis a' Phuist ann an Obar Itheachan

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

buildings; schools; schoolhouses; post offices