Ùrachadh mu Dheireadh 07/02/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Achadh Mhealbhaich
EXTERNAL ID
AB_LL_ACHMELVICH_02
ÀITE
Achadh Mhealbhaich
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
461
KEYWORDS
Cataibh
Loch an Inbhir
Achadh Mhealbhaich
Loch an Rubha
tràigh
gainmheach
ostail
campachadh
Caisteal an Fhuadain
Achmelvich

Sealladh de thràigh Achadh Mhealbhaich, suidhichte mu 5 cilemeatairean gu tuath suas an oirthir à Loch an Inbhir ann an Cataibh. Chithear buidheann de bhàtaichean sèolaidh beaga air an tarraing suas air an tràigh.

Tha an t-àite air a dhèanamh suas de sreath de thràighean beaga àlainn agus gheibhear àitichean fuireach goireasach anns an ostail òighridh faisg air làimh, a thuilleadh air a' phàirce campachaidh agus charabhanan.

A bharrachd air an tràigh, 's e 'Caisteal an Fhuadain' comharra-tìre eile san sgìre, glè thric ag adhbhrachadh an dà chuid, mì-chreidsinn is feòrachas san duine a chì e. Air a thogail leis an ailtire Sasannach, Daibhidh Scott sna 1950an, tha cuid a' cumail a-mach gur e an caisteal as lugha san Roinn Eòrpa. An-diugh tha luchd-siubhail ga chleachdadh an-dràsta 's a-rithist mar bhothan-fasgaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Achadh Mhealbhaich

CATAIBH: Asaint

2000an

Cataibh; Loch an Inbhir; Achadh Mhealbhaich; Loch an Rubha; tràigh; gainmheach; ostail; campachadh; Caisteal an Fhuadain

Am Baile

Sealladh de thràigh Achadh Mhealbhaich, suidhichte mu 5 cilemeatairean gu tuath suas an oirthir à Loch an Inbhir ann an Cataibh. Chithear buidheann de bhàtaichean sèolaidh beaga air an tarraing suas air an tràigh.<br /> <br /> Tha an t-àite air a dhèanamh suas de sreath de thràighean beaga àlainn agus gheibhear àitichean fuireach goireasach anns an ostail òighridh faisg air làimh, a thuilleadh air a' phàirce campachaidh agus charabhanan.<br /> <br /> A bharrachd air an tràigh, 's e 'Caisteal an Fhuadain' comharra-tìre eile san sgìre, glè thric ag adhbhrachadh an dà chuid, mì-chreidsinn is feòrachas san duine a chì e. Air a thogail leis an ailtire Sasannach, Daibhidh Scott sna 1950an, tha cuid a' cumail a-mach gur e an caisteal as lugha san Roinn Eòrpa. An-diugh tha luchd-siubhail ga chleachdadh an-dràsta 's a-rithist mar bhothan-fasgaidh