Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Creagan Còmhdaichte le Còinneach, Tèarmann Nàdair Àirigh Fhionndail
EXTERNAL ID
AB_LL_ARIUNDLE_01
ÀITE
Àirigh Fhionndail
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Helen Wilkinson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Geograph British Isles
AITHNEACHADH MAOINE
465
KEYWORDS
leaghadh
leaghadh mèinn iarainn
Moss Covered Rocks, Ariundle Nature Reserve

Tha Àirigh Fhionndail na laighe gu tuath air Sròn an t-Sìthein, air Rubha Àird nam Murchan. Dà cheud bliadhna air ais 's ann às na coilltean daraich mu Àirigh Fhionndail a thàinig an gual-fhiodh a chaidh gu fùirneis Bun Abha ann an Latharna. Gabhaidh cuid de na seann lobhtaichean tiùrraidh fhaicinn ann fhathast. Gus am biodh iad cinnteach gum biodh cabraichean aca fad an t-siubhail, chaidh na daraich an gearradh air dhòigh 's gum fasadh fiùrain asta. Chaidh an gearradh mòr mu dheireadh a dhèanamh, a rèir coltais, mu 1850 agus an dèidh don fhùirneis a dhùnadh, bha Àirigh Fhionndail an uair sin na àite ionaltraidh do chaoraich, do chrodh is do dh'fhèidh. An-diugh 's e Tèarmann Nàdair Nàiseanta a tha san sgìre. Tha na craobhan làn còinnich, rainich is chrotail, a tha a' fàs gu pailt ann an gnàth-shìde bhog a' chost an iar. Tha iomadh gnè de dh'eòin cuideachd ri lorg san sgìre.

(Ìomhaigh - Helen Wilkinson)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Creagan Còmhdaichte le Còinneach, Tèarmann Nàdair Àirigh Fhionndail

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

2000an

leaghadh; leaghadh mèinn iarainn

Geograph British Isles

Creative Commons

Tha Àirigh Fhionndail na laighe gu tuath air Sròn an t-Sìthein, air Rubha Àird nam Murchan. Dà cheud bliadhna air ais 's ann às na coilltean daraich mu Àirigh Fhionndail a thàinig an gual-fhiodh a chaidh gu fùirneis Bun Abha ann an Latharna. Gabhaidh cuid de na seann lobhtaichean tiùrraidh fhaicinn ann fhathast. Gus am biodh iad cinnteach gum biodh cabraichean aca fad an t-siubhail, chaidh na daraich an gearradh air dhòigh 's gum fasadh fiùrain asta. Chaidh an gearradh mòr mu dheireadh a dhèanamh, a rèir coltais, mu 1850 agus an dèidh don fhùirneis a dhùnadh, bha Àirigh Fhionndail an uair sin na àite ionaltraidh do chaoraich, do chrodh is do dh'fhèidh. An-diugh 's e Tèarmann Nàdair Nàiseanta a tha san sgìre. Tha na craobhan làn còinnich, rainich is chrotail, a tha a' fàs gu pailt ann an gnàth-shìde bhog a' chost an iar. Tha iomadh gnè de dh'eòin cuideachd ri lorg san sgìre.<br /> <br /> (Ìomhaigh - Helen Wilkinson)