Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid thar Allt na Mèinne, Àirigh Fhionndail
EXTERNAL ID
AB_LL_ARIUNDLE_03
ÀITE
Àirigh Fhionndail
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Dave Fergusson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Geograph British Isles
AITHNEACHADH MAOINE
467
KEYWORDS
leaghadh
leaghadh mèinn iarainn
Bridge over the Allt na Meinne, north of Ariundle

Tha Àirigh Fhionndail na laighe gu tuath air Sròn an t-Sìthein, air Rubha Àird nam Murchan. Dà cheud bliadhna air ais 's ann às na coilltean daraich mu Àirigh Fhionndail a thàinig an gual-fhiodh a chaidh gu fùirneis Bun Abha ann an Latharna. Gabhaidh cuid de na seann lobhtaichean tiùrraidh fhaicinn ann fhathast. Gus am biodh iad cinnteach gum biodh cabraichean aca fad an t-siubhail, chaidh na daraich an gearradh air dhòigh 's gum fasadh fiùrain asta. Chaidh an gearradh mòr mu dheireadh a dhèanamh, a rèir coltais, mu 1850 agus an dèidh don fhùirneis a dhùnadh, bha Àirigh Fhionndail an uair sin na àite ionaltraidh do chaoraich, do chrodh is do dh'fhèidh. An-diugh 's e Tèarmann Nàdair Nàiseanta a tha san sgìre. Tha na craobhan làn còinnich, rainich is chrotail, a tha a' fàs gu pailt ann an gnàth-shìde bhog a' chost an iar. Tha iomadh gnè de dh'eòin cuideachd ri lorg san sgìre.

(Ìomhaigh - Dave Fergusson)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid thar Allt na Mèinne, Àirigh Fhionndail

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

2000an

leaghadh; leaghadh mèinn iarainn

Geograph British Isles

Creative Commons

Tha Àirigh Fhionndail na laighe gu tuath air Sròn an t-Sìthein, air Rubha Àird nam Murchan. Dà cheud bliadhna air ais 's ann às na coilltean daraich mu Àirigh Fhionndail a thàinig an gual-fhiodh a chaidh gu fùirneis Bun Abha ann an Latharna. Gabhaidh cuid de na seann lobhtaichean tiùrraidh fhaicinn ann fhathast. Gus am biodh iad cinnteach gum biodh cabraichean aca fad an t-siubhail, chaidh na daraich an gearradh air dhòigh 's gum fasadh fiùrain asta. Chaidh an gearradh mòr mu dheireadh a dhèanamh, a rèir coltais, mu 1850 agus an dèidh don fhùirneis a dhùnadh, bha Àirigh Fhionndail an uair sin na àite ionaltraidh do chaoraich, do chrodh is do dh'fhèidh. An-diugh 's e Tèarmann Nàdair Nàiseanta a tha san sgìre. Tha na craobhan làn còinnich, rainich is chrotail, a tha a' fàs gu pailt ann an gnàth-shìde bhog a' chost an iar. Tha iomadh gnè de dh'eòin cuideachd ri lorg san sgìre.<br /> <br /> (Ìomhaigh - Dave Fergusson)