Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na bròn-chluich 'Hamlet!'
EXTERNAL ID
Z_GB232_D313_3
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4673
KEYWORDS
taighean-cluiche
sanasan dealbhan-cluiche
sanasan taighean-cluiche
dealbhan-cluiche
bròn-chluich
baoth-chluich
òran
dannsa
cleasaichean
ban-chleasaichean
dràma
actairean
cluicheadairean
Inverness Theatre Bill advertising the tragedy 'Hamlet!'

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson Dimàirt 25mh Gearrain. Thòisich am feasgar leis a' bhròn-chluich mhòir aig Shakespeare, 'Hamlet!' Bha cuirm-chiùil ann an dèidh seo agus chrìochnaich an oidhche leis a' bhaoth-chluich 'High Life Below Stairs!'

Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean.

Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha taisbeanadh Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na bròn-chluich 'Hamlet!'

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson Dimàirt 25mh Gearrain. Thòisich am feasgar leis a' bhròn-chluich mhòir aig Shakespeare, 'Hamlet!' Bha cuirm-chiùil ann an dèidh seo agus chrìochnaich an oidhche leis a' bhaoth-chluich 'High Life Below Stairs!'<br /> <br /> Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. <br /> <br /> Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha taisbeanadh Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh