Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Dingwall Theatre Bill advertising the tragedy 'Othello!'

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Pheofharain airson Dihaoine an 9mh Gearrain 1849. Thòisich am feasgar leis a' bhròn-chluich aig Shakespeare 'Othello'. Chluich Mgr G. Owen 'Othello (the Moor of Venice)' agus chluich Mh. Sìne Tyrer 'Desdemona'. Chaidh a' bhaoth-chluich 'Lovers' Quarrels' a shealltainn aig an deireadh.

Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 7:30f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus tasdan is sia sgillinn anns na bocsaichean.

Tha na briathran Laideann 'Vivat Regina' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh'),sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria.

Thathar ag ràdh gu robh a' chiad taigh-cluiche ann an Inbhir Nis ann an 1805 agus gun robh e air an t-sràid air an robh 'Lànaig an Taigh-cluiche' uaireigin, faisg air Sràid Inglis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Pheofharain airson na bròn-chluich 'Othello!'

ROS: Inbhir Pheofharain

1840an

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills