Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh tuathanais aig Anabul, Loch Hòb
EXTERNAL ID
AB_LL_BRIDGET_MACKENZIE_PHOTO_02
ÀITE
Àrnabol
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Diùirnis
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bridget Mackenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
470
KEYWORDS
pìobairean
ceòl na pìoba mòire
ceòl mòr
Farmhouse at Arnaboll, Loch Hope

Tha an taigh tuathanais seo aig Àrnabul an taobh an iar Loch Hòb, ann an taobh an iar-dheas Chataibh. Tha e na sheasamh am measg achaidhean uaine ri taobh an loch, a' coimhead a-null taobh mullach Beinn Hob. As t-earrach tha na h-achaidhean tiugh le seòbhragan is ditheanan beaga eile. Air an t-sliabh air cùl an taighe tha seann chladh ann, le clachan-uaighe làn còinnich is lusan a' chrom-chinn mun cuairt.

Timcheall air 1700, 's ann le Dòmhnall MacAoidh de Sgiora agus a bhean Mòrag a bha 'n taigh. 'S e co-ogha aig fear-sgrìobhaidh cliùiteach de cheòl-pìoba, Iain Dall MacAoidh a bh' ann an Dòmhnall. Nuair a bhàsaich Dòmhnall is Mòrag tràth sna 1700an, rinn Iain Dall dà thuireadh eireachdail dhaibh. Bha e air pìos bàrdachd Gàidhlig iongantach a dhèanamh na bu traithe, ann an 1697, 'Tuireadh Choire nan Easan', far an do dh'innis e mar a thog e air o Àrnabul 's a choisich e tro bheanntan creagach Chataibh gus an ruigeadh e Loch Stac. Ged a bha e dall, bha e air na h-àiteachan sin fhaicinn na leanabachd, agus thug e seachad tuairisgeul glè fhirinneach air na cruthan-tìre mun cuairt air.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh tuathanais aig Anabul, Loch Hòb

CATAIBH: Diùirnis

2000an

pìobairean; ceòl na pìoba mòire; ceòl mòr

Am Baile

Tha an taigh tuathanais seo aig Àrnabul an taobh an iar Loch Hòb, ann an taobh an iar-dheas Chataibh. Tha e na sheasamh am measg achaidhean uaine ri taobh an loch, a' coimhead a-null taobh mullach Beinn Hob. As t-earrach tha na h-achaidhean tiugh le seòbhragan is ditheanan beaga eile. Air an t-sliabh air cùl an taighe tha seann chladh ann, le clachan-uaighe làn còinnich is lusan a' chrom-chinn mun cuairt.<br /> <br /> Timcheall air 1700, 's ann le Dòmhnall MacAoidh de Sgiora agus a bhean Mòrag a bha 'n taigh. 'S e co-ogha aig fear-sgrìobhaidh cliùiteach de cheòl-pìoba, Iain Dall MacAoidh a bh' ann an Dòmhnall. Nuair a bhàsaich Dòmhnall is Mòrag tràth sna 1700an, rinn Iain Dall dà thuireadh eireachdail dhaibh. Bha e air pìos bàrdachd Gàidhlig iongantach a dhèanamh na bu traithe, ann an 1697, 'Tuireadh Choire nan Easan', far an do dh'innis e mar a thog e air o Àrnabul 's a choisich e tro bheanntan creagach Chataibh gus an ruigeadh e Loch Stac. Ged a bha e dall, bha e air na h-àiteachan sin fhaicinn na leanabachd, agus thug e seachad tuairisgeul glè fhirinneach air na cruthan-tìre mun cuairt air.