Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Inverness Theatre Bill advertising the musical play 'The Mountaineers'

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson Dihaoine, 8mh Iuchair 1842. Thòisich am feasgar leis an dealbh-chluich le ceòl 'The Mountaineers', le òran is dannsa le Mgr MacThòmais agus Mgr Watkins ga leantainn. Chrìochnaich an oidhche le dràma air a rian as ùr de 'Oliver Twist', far an do chluich Mgr Mark 'Fagin' agus A' Bhph. Ryder 'Nancy'.

Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 7:30f agus bha prìsean nan suidheachan eadar tasdan anns a' ghaileiridh agus trì tasdanan anns na bocsaichean. Tha na briathran Laideann 'Vivant Regina Et Princeps' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh 's dhan Phrionnsa'), sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria agus Prionnsa Albert.

Thathar ag ràdh gu robh a' chiad taigh-cluiche ann an Inbhir Nis ann an 1805 agus gun robh e air an t-sràid air an robh 'Lànaig an Taigh-cluiche' uaireigin, faisg air Sràid Inglis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na dealbh-chluiche le ceòl 'The Mountaineers'

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1840an

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson Dihaoine, 8mh Iuchair 1842. Thòisich am feasgar leis an dealbh-chluich le ceòl 'The Mountaineers', le òran is dannsa le Mgr MacThòmais agus Mgr Watkins ga leantainn. Chrìochnaich an oidhche le dràma air a rian as ùr de 'Oliver Twist', far an do chluich Mgr Mark 'Fagin' agus A' Bhph. Ryder 'Nancy'.<br /> <br /> Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 7:30f agus bha prìsean nan suidheachan eadar tasdan anns a' ghaileiridh agus trì tasdanan anns na bocsaichean. Tha na briathran Laideann 'Vivant Regina Et Princeps' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh 's dhan Phrionnsa'), sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria agus Prionnsa Albert.<br /> <br /> Thathar ag ràdh gu robh a' chiad taigh-cluiche ann an Inbhir Nis ann an 1805 agus gun robh e air an t-sràid air an robh 'Lànaig an Taigh-cluiche' uaireigin, faisg air Sràid Inglis