Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na dealbh-chluiche 'The Stranger'
EXTERNAL ID
Z_GB232_D313_42
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1840an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4745
KEYWORDS
taighean-cluiche
sanasan dealbhan-cluiche
sanasan taighean-cluiche
dealbhan-cluiche
bròn-chluich
baoth-chluich
òran
dannsa
cleasaichean
ban-chleasaichean
dràma
actairean
cluicheadairean
Inverness Theatre Bill advertising the play 'The Stranger'

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson Diardaoin 1d Gearrain 1849. Thòisich an oidhche leis an dealbh-chluich 'The Stranger' anns an robh 'Baron Steinfort' air a chluich le Mgr Glanville agus Lucy Fisher a' cluich 'Annette'. Anns an dùnadh bha a' bhaoth-chluich 'Box And Cox!' air a shealltainn.

Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 7.30f agus bha prìsean nan suidheachan eadar tasdan anns a' ghaileiridh agus trì tasdanan anns na bocsaichean.
B' e 'Box and Cox', a sgrìobh John Maddison Morton, aon de na baoth chluichean bu ainmeil aig an àm. Bha e mu dheidhinn dà fhireannach a fhuair an aon rum air màl gun fhios. Bha aon fhear ag obair troimhn' latha agus am fear eile troimh oidhche. Chaidh cùisean glè mhath gus an d' fhauir fear nan adan Mgr Cox latha dheth. Tha na brìathran 'Box and Cox' a ciallachadh 'greis mu seach'.

Chaidh a'chiad opera eibhinn aig Sir Arthur Sullivan's 'Cox and Box', a chruthachadh ann an 1867 ann an co-obrachadh còmhla ri F. C. Burnand, a stèideachadh air an dealbh chluich seo. I

Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na dealbh-chluiche 'The Stranger'

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1840an

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills