Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na bròn-chluich 'Douglas!'
EXTERNAL ID
Z_GB232_D313_43
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1840an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4747
KEYWORDS
taighean-cluiche
sanasan dealbhan-cluiche
sanasan taighean-cluiche
dealbhan-cluiche
bròn-chluich
baoth-chluich
òran
dannsa
cleasaichean
ban-chleasaichean
dràma
actairean
cluicheadairean
Inverness Theatre Bill advertising the tragedy 'Douglas!'

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson Diciadain 31 Faoillich 1849. Thòisich an oidhche leis a' bhròn-chluich 'Douglas!' agus an deidh sin bha òrain agus danns ann bho Mhgr Fisher, Lucy Fisher agus Mgr Warren. Anns an dùnadh chaidh a' bhaoth-chluich 'Raising The Wind!' a shealltainn.

Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 7.30f agus bha prìsean nan suidheachan eadar tasdan anns a' ghaileiridh agus trì tasdanan anns na bocsaichean.

Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na bròn-chluich 'Douglas!'

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1840an

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson Diciadain 31 Faoillich 1849. Thòisich an oidhche leis a' bhròn-chluich 'Douglas!' agus an deidh sin bha òrain agus danns ann bho Mhgr Fisher, Lucy Fisher agus Mgr Warren. Anns an dùnadh chaidh a' bhaoth-chluich 'Raising The Wind!' a shealltainn.<br /> <br /> Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 7.30f agus bha prìsean nan suidheachan eadar tasdan anns a' ghaileiridh agus trì tasdanan anns na bocsaichean.<br /> <br /> Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh