Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson an dràma 'Cramond Brig!'
EXTERNAL ID
Z_GB232_D313_53
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4765
KEYWORDS
taighean-cluiche
sanasan dealbhan-cluiche
sanasan taighean-cluiche
dealbhan-cluiche
bròn-chluich
baoth-chluich
òran
dannsa
cleasaichean
ban-chleasaichean
dràma
actairean
cluicheadairean
Inverness Theatre Bill advertising the drama 'Cramond Brig!'

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson Dihaoine 31 Faoillich 1851. B'e seo ' Tachartas Maidne Mor nan Oigridh' agus dh'fhaodadh clann faighinn a-steach air leth na prìs. Thòisich an oidhche leis an dràma 'Cramond Brig!' agus an deidh sin lean an 'Comical, Original, Poetical, Musical, Quizzical, Fantastical, Reasonable, Seasonable, Treesonable, Harlequinade, entitled, called, and known by the name of Jack Frost And King Thaw'. Bha 'King Thaw (na Chleasaiche as dèidh sin)' air a chluich le Mgr J. W. Anson agus 'Baconchops (King Thaw's Head-Khook) le Mgr Marlow.

Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson an dràma 'Cramond Brig!'

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1850an

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson Dihaoine 31 Faoillich 1851. B'e seo ' Tachartas Maidne Mor nan Oigridh' agus dh'fhaodadh clann faighinn a-steach air leth na prìs. Thòisich an oidhche leis an dràma 'Cramond Brig!' agus an deidh sin lean an 'Comical, Original, Poetical, Musical, Quizzical, Fantastical, Reasonable, Seasonable, Treesonable, Harlequinade, entitled, called, and known by the name of Jack Frost And King Thaw'. Bha 'King Thaw (na Chleasaiche as dèidh sin)' air a chluich le Mgr J. W. Anson agus 'Baconchops (King Thaw's Head-Khook) le Mgr Marlow.<br /> <br /> Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh