Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na bròn-chluich 'Hamlet!'
EXTERNAL ID
Z_GB232_D313_63
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4783
KEYWORDS
taighean-cluiche
sanasan dealbhan-cluiche
sanasan taighean-cluiche
dealbhan-cluiche
bròn-chluich
baoth-chluich
òran
dannsa
cleasaichean
ban-chleasaichean
dràma
actairean
cluicheadairean
Inverness Theatre Bill advertising the tragedy 'Hamlet!'

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson Dimàirt 25 Gearrain 1851. Thòisich an oidhche leis a 'bhròn-chluich 'Hamlet!' 's bha 'The Ghost Of Hamlet's Father' air a chluich le Mgr Fisher agus 'Player Queen' leis a' Bhph. Moireach. Aig an deireadh chaidh a' bhaoth-chluich 'High Life Below Stairs!' a shealltainn.

Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. Tha na facail ann an Laideann 'Vivant Regina Et Princeps' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh 's dhan Phrionnsa'), sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria agus Prionnsa Albert.

Chan eil fhios le cinnt' cuine a d' fhosgail an Taigh Cluich Rioghail an toiseach, ach a-rèir fiosrachadh bhon àm tha e coltach gun robh e air a stèideachadh ro 1826. Ann an 1849 ghluais an taigh cluich gu Ruimeanan Lowe air Sràid na h-Eaglaise agus dà bhliadhna dheug air fhichead an dèidh sin, ghluais e chun an togalach anns an robh e mu dheireadh air Sràid Bruaich na h-Aibhne.
Air madainn Dimàirt 17 Mhàirt 1931, chaidh an Taigh Cluiche Rioghail a losgadh gu làir. Bha cleasachd Will Fyffe air tòiseachadh an oidhche roimhe sin agus cha deach na stuthan taic no airgead an dorais, fhaighinn bhon uairsin.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na bròn-chluich 'Hamlet!'

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1850an

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills