Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson an dràma 'Wreck Ashore!'
EXTERNAL ID
Z_GB232_D313_73
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4800
KEYWORDS
taighean-cluiche
sanasan dealbhan-cluiche
sanasan taighean-cluiche
dealbhan-cluiche
bròn-chluich
baoth-chluich
òran
dannsa
cleasaichean
ban-chleasaichean
dràma
actairean
cluicheadairean
Inverness Theatre Bill advertising the drama 'Wreck Ashore!'

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson 17 Màirt 1851. Thòisich an oidhche leis an dràma 'Wreck Ashore!'. Chaidh 'Captain Grampus (fear a bha ri cùl-mhùtaireachd)' a chluich le Mgr Cobham. An dèidh sin bha a' bhaoth-chluich èibhinn ann, 'Gentleman in Black!' agus aig deireadh a' chluich sin rinn Mgr J.W. Anson an t-òraid mu dheireadh aige 's e a' fàgail. Dhùin an oidhche leis a'bhaoth-chluich 'John Duck Or, A Very Queer Bird'. Bha 'Sir Richard Wroughton (fear-leantail Taigh Hanòbhair)' air a chluich le Mgr Fisher agus bha 'John Duck (eun gu math neònach)' air a chluich le Mgr J.W. Anson.

Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. Tha na facail ann an Laideann 'Vivant Regina Et Princeps' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh 's dhan Phrionnsa'), sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria agus Prionnsa Albert.

Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson an dràma 'Wreck Ashore!'

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1850an

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson 17 Màirt 1851. Thòisich an oidhche leis an dràma 'Wreck Ashore!'. Chaidh 'Captain Grampus (fear a bha ri cùl-mhùtaireachd)' a chluich le Mgr Cobham. An dèidh sin bha a' bhaoth-chluich èibhinn ann, 'Gentleman in Black!' agus aig deireadh a' chluich sin rinn Mgr J.W. Anson an t-òraid mu dheireadh aige 's e a' fàgail. Dhùin an oidhche leis a'bhaoth-chluich 'John Duck Or, A Very Queer Bird'. Bha 'Sir Richard Wroughton (fear-leantail Taigh Hanòbhair)' air a chluich le Mgr Fisher agus bha 'John Duck (eun gu math neònach)' air a chluich le Mgr J.W. Anson.<br /> <br /> Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. Tha na facail ann an Laideann 'Vivant Regina Et Princeps' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh 's dhan Phrionnsa'), sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria agus Prionnsa Albert.<br /> <br /> Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh