Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na bròn-chluich 'Hamlet!'
EXTERNAL ID
Z_GB232_D313_76
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4803
KEYWORDS
taighean-cluiche
sanasan dealbhan-cluiche
sanasan taighean-cluiche
dealbhan-cluiche
bròn-chluich
baoth-chluich
òran
dannsa
cleasaichean
ban-chleasaichean
dràma
actairean
cluicheadairean
Inverness Theatre Bill advertising the tragedy 'Hamlet!'

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson 20 Cèitein 1850. B'e prìomh thachartas na h-oidhche a' bhron-chluich aig Shakespeare 'Hamlet!'. Tha an Taigh-cluich ag ràdh gu bheil an dealbh-chluich làn "...moral sentiments, in just and elevated views of man, and that of Providence, which sustains, guides, and protects him from the cradle to the grave." Chaidh 'Claudius, Righ na Danmhairc' a chluich le Mgr Crone agus chaidh 'Taibhse Athair Hamlet ' a chluich le Mgr Fisher. Dhùin an oidhche leis a' bhaoth-chluich ' Fish Out Of Water!'

Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. Tha na facail ann an Laideann 'Vivat Regina' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh'),sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria.

Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na bròn-chluich 'Hamlet!'

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1850an

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson 20 Cèitein 1850. B'e prìomh thachartas na h-oidhche a' bhron-chluich aig Shakespeare 'Hamlet!'. Tha an Taigh-cluich ag ràdh gu bheil an dealbh-chluich làn "...moral sentiments, in just and elevated views of man, and that of Providence, which sustains, guides, and protects him from the cradle to the grave." Chaidh 'Claudius, Righ na Danmhairc' a chluich le Mgr Crone agus chaidh 'Taibhse Athair Hamlet ' a chluich le Mgr Fisher. Dhùin an oidhche leis a' bhaoth-chluich ' Fish Out Of Water!'<br /> <br /> Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. Tha na facail ann an Laideann 'Vivat Regina' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh'),sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria.<br /> <br /> Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh