Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Inverness Theatre Bill advertising Sheridan Knowles' play 'Hunchback'

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson Dihaoine 17 Màirt 1850. Thòisich an oidhche leis an dealbh-chluich 'The Hunchback' agus an uairsin thàinig òran èibhinn bho Mhgr Clarke. Dhùin an oidhche leis a' bhaoth-chluich 'Swiss Cottage!' anns an robh Corporal Max a' seinn an òrain-dibhe 'Vive L'Amour Cigars And Cognac'.

Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. Tha na facail ann an Laideann 'Vivat Regina' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh'), sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria.

Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na dealbh-chluiche aig Sheridan Knowles 'The Hunchback'

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1850an

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills

Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson Dihaoine 17 Màirt 1850. Thòisich an oidhche leis an dealbh-chluich 'The Hunchback' agus an uairsin thàinig òran èibhinn bho Mhgr Clarke. Dhùin an oidhche leis a' bhaoth-chluich 'Swiss Cottage!' anns an robh Corporal Max a' seinn an òrain-dibhe 'Vive L'Amour Cigars And Cognac'.<br /> <br /> Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. Tha na facail ann an Laideann 'Vivat Regina' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh'), sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria.<br /> <br /> Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh