Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dol fodha na grèine aig Sanndabhaig, Arcaibh
EXTERNAL ID
AB_LL_JOHN_MCGILL_LANDSCAPE
ÀITE
Sanndabhaig
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
John McGill
NEACH-FIOSRACHAIDH
John McGill
AITHNEACHADH MAOINE
483
KEYWORDS
dol fodha na grèine
bàigh
Sunset over the Bay of Skaill, Sandwick, Orkney

San dealbh-chamara seo tha sealladh thar Bàgh Skaill ann an Sannduig, Arcaibh. Tha na tha air fhàgail de bhaile beag nuadh-leacach Skara Brae ra lorg air tràigh a deas a' bhàigh.

Chaidh cuid den tuineachadh aig Bràigh Sgàra a thoirt am follais an toiseach ann an 1850, a'leantainn air stoirm gharbh. Chladhaich an t-uachdaran ionadail, Uilleam Bhuat à Sgaill, na bha air fhàgail de cheithir sheann taighean ach às dèidh 1868 chaidh an obair a leigeil seachad. Ann an 1925 rinn stoirm eile milleadh air cuid de na taighean a bhathar air a chladhach roimhe agus chaidh balla-mara neartachaidh a thogail gus an làrach a dhìon. Fhad 's a bhathar a'togail, chaidh na bha air fhàgail de thuilleadh thaighean àrsaidh a lorg. Aig deireadh na 1920an agus tràth sna 30an ghabh an t-Ollamh Gòrdain Childe tuilleadh cladhachan os làimh agus thug e am follais na taighean-còmhnaidh a tha rim faicinn an-diugh. Dh'fhaodadh gun robh am baile air ùisneachadh airson timcheall air sia ceud bliadhna eadar 3100 agus 2500 ro Chrìosd. Tha na structaran a tha am follais a'riochdachadh na h-ìre mu dheireadh den ath-thogail agus den ghabhail thairis.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dol fodha na grèine aig Sanndabhaig, Arcaibh

2000an

dol fodha na grèine; bàigh;

John McGill

Creative Commons

San dealbh-chamara seo tha sealladh thar Bàgh Skaill ann an Sannduig, Arcaibh. Tha na tha air fhàgail de bhaile beag nuadh-leacach Skara Brae ra lorg air tràigh a deas a' bhàigh.<br /> <br /> Chaidh cuid den tuineachadh aig Bràigh Sgàra a thoirt am follais an toiseach ann an 1850, a'leantainn air stoirm gharbh. Chladhaich an t-uachdaran ionadail, Uilleam Bhuat à Sgaill, na bha air fhàgail de cheithir sheann taighean ach às dèidh 1868 chaidh an obair a leigeil seachad. Ann an 1925 rinn stoirm eile milleadh air cuid de na taighean a bhathar air a chladhach roimhe agus chaidh balla-mara neartachaidh a thogail gus an làrach a dhìon. Fhad 's a bhathar a'togail, chaidh na bha air fhàgail de thuilleadh thaighean àrsaidh a lorg. Aig deireadh na 1920an agus tràth sna 30an ghabh an t-Ollamh Gòrdain Childe tuilleadh cladhachan os làimh agus thug e am follais na taighean-còmhnaidh a tha rim faicinn an-diugh. Dh'fhaodadh gun robh am baile air ùisneachadh airson timcheall air sia ceud bliadhna eadar 3100 agus 2500 ro Chrìosd. Tha na structaran a tha am follais a'riochdachadh na h-ìre mu dheireadh den ath-thogail agus den ghabhail thairis.