Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson a' chomadaidh 'Single Life'
EXTERNAL ID
Z_GB232_D313_99
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4833
KEYWORDS
taighean-cluiche
sanasan dealbhan-cluiche
sanasan taighean-cluiche
dealbhan-cluiche
bròn-chluich
baoth-chluich
òran
dannsa
cleasaichean
ban-chleasaichean
dràma
actairean
cluicheadairean
Inverness Theatre Bill advertising the comedy 'Single Life'

Tha an sanas seo de Thaigh-cluiche Inbhir Nis airson oidhche de chuirm air Diardaoin 11mh Iuchair, 1850. Le taic-airgid na 'Bachelors', tha cuirm na h-oidhche a' gabhail àite anns an aon seachdainn ri 'Fèill Mhòr na Cloimhe' is chan eil teagamh nach biodh an taigh-cluiche na bu trainge air sgàth seo.

Tha an oidhche a' tòiseachadh le comadaidh ann an trì earrannan, den ainm 'Single Life', anns a bheil fleasgaich is seana mhaighdeannan a' cluich a-mach na 'vagaries of Courtship'. Tha achd òrain is dannsa an dèidh na dealbh-chluiche, agus eadar-chluich èibhinn den ainm 'Fast Man'.

Tha an oidhche a' tighinn gu crìch leis a' bhaoth-chluich 'How to Settle Accounts with Your Washerwoman'.

Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. Tha na briathran Laideann 'Vivat Regina' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh'), sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria.

Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha taisbeanadh Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson a' chomadaidh 'Single Life'

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1850an

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills