Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na bròn-chluiche eachdraidheil 'Jane Shore'
EXTERNAL ID
Z_GB232_D313_101
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4836
KEYWORDS
taighean-cluiche
sanasan dealbhan-cluiche
sanasan taighean-cluiche
dealbhan-cluiche
bròn-chluich
baoth-chluich
òran
dannsa
cleasaichean
ban-chleasaichean
dràma
actairean
cluicheadairean
Inverness Theatre Bill advertising the historical tragedy 'Jane Shore'

Tha an sanas seo de Thaigh-cluiche Inbhir Nis airson oidhche de chuirm air Disathairne 19mh Iuchair, 1850. Tha am prògram a' tòiseachadh le bròn-chluich eachdraidheil, 'Jane Shore', le ceòl is danns an dèidh sin aig an eadar-chluich. Chrìochnaich e le dealbh-chluich opera den ainm 'Rob Roy', no 'Auld Langsyne'.

Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. Tha na briathran Laideann 'Vivat Regina' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh'), sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria.

Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha taisbeanadh Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson na bròn-chluiche eachdraidheil 'Jane Shore'

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1850an

taighean-cluiche; sanasan dealbhan-cluiche; sanasan taighean-cluiche; dealbhan-cluiche; bròn-chluich; baoth-chluich; òran; dannsa; cleasaichean; ban-chleasaichean; dràma; actairean; cluicheadairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Theatre Bills

Tha an sanas seo de Thaigh-cluiche Inbhir Nis airson oidhche de chuirm air Disathairne 19mh Iuchair, 1850. Tha am prògram a' tòiseachadh le bròn-chluich eachdraidheil, 'Jane Shore', le ceòl is danns an dèidh sin aig an eadar-chluich. Chrìochnaich e le dealbh-chluich opera den ainm 'Rob Roy', no 'Auld Langsyne'.<br /> <br /> Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. Tha na briathran Laideann 'Vivat Regina' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh'), sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria.<br /> <br /> Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha taisbeanadh Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh