Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Letter from Lieutenant Alex Godsman, Dunain to Col Baillie, Madras, India, page 1

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 15mh den Damhair 1777. 'S e seo litir on Fho-cheannard Alasdair Godsman, Dùn Eathain gu Còirneal Bàillidh à Dùn Eathain, ann am Madras, Na h-Innseachan. Tha iomradh ann air mòran chuspairean cudthromach na Gàidhealtachd, mar leasachadh air tuathanasan agus mu na Fuadaichean.

Tha e coltach gu bheil Godsman air sgrìobhadh dhan Chòirneal iomadh turas thar a' bhliadhna a chaidh seachad, ach cha do ràinig gin de na litrichean an ceann-uidhe. Rè'n àm seo, tha Godsman air 'The Mains' a ghabhail a-nall an dèidh bàs màthair Bhàillidh agus tha e a-nis a' cur leth-bhreac den reachd-cheangail is de chùmhnant mu thimcheall seo.

Tha e a' bruidhinn air staid an fhearainn is mar a tha dùil aige an dòigh àitich atharrachadh, agus bhiodh dùnadh a-staigh phàirtean dhen fhearann an luib seo. Tha e a' bruidhinn air fiachan a th' aige ri pàigheadh dhan Chòirneal. Tha e ag aithris cuideachd air cur de chraobhan-giuthais 'in the Craig', air leasachaidhean ris an leas, agus air an airgead a rinneadh aig reic-tairgse. Tha e a' bruidhinn air an fhasan a bh' ann aig an àm caoraich a chur air mòran thuathanasan Gàidhealach an àite crodh dhubh.

Tha e a' crìochnachadh le bhith a' bruidhinn air iomadh cuspair a th' air a bhith anns na pàipearan-naidheachd nàiseanta o chionn ghoirid, leithid an cogadh ann an Aimearagaidh. 'S e Cogaidhean Neo-eisimileachd Aimearagaidh, 1775-83, a bha seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir bhon Fho-cheannard Alasdair Godsman, Dùn Eathain gu Còirneal Bàillidh, Madras, Na h-Innseachan, duilleag 1

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1770an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Tasglann na Gàidhealtachd; co-sgrìobhadh; litrichean; Còirneal Bàillidh; Cogaidhean Neo-eisimileachd Aimearagaidh; reic-tairgse; na Fuadaichean; àiteachas

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers