Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bràigh Sgàra, Arcaibh
EXTERNAL ID
AB_LL_MORAG_MACINNES_01_IMAGE
ÀITE
Bràigh Sgàra
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Colin Smith
NEACH-FIOSRACHAIDH
Geograph British Isles
AITHNEACHADH MAOINE
489
KEYWORDS
Aois na Cloiche
tuineachaidhean
cladhachan
arc-eòlas
Skara Brae, Orkney

Tha an dealbh seo a'sealltainn aon de na dreasairean le sgeilpichean an taobh a-staigh den tuineachadh Nuadh-litic aig Bràigh Sgàra, Arcaibh. Tha gach taigh air uidheamachadh san aon dòigh le cagailt ann am meadhan an làir, leapannan-bocsa, agus dreasairean le sgeilpichean, ach a-mhàin taigh a h-ochd a tha na thaigh air leth bho chàch, agus is dòcha a bha air a chleachdadh mar àite obrach.

Chaidh cuid den tuineachadh aig Bràigh Sgàra a thoirt am follais an toiseach ann an 1850, a'leantainn air stoirm gharbh. Chladhaich an t-uachdaran ionadail, Uilleam Bhuat à Sgaill, na bha air fhàgail de cheithir sheann taighean ach às dèidh 1868 chaidh an obair a leigeil seachad. Ann an 1925 rinn stoirm eile milleadh air cuid de na taighean a bhathar air a chladhach roimhe agus chaidh balla-mara neartachaidh a thogail gus an làrach a dhìon. Fhad 's a bhathar a'togail, chaidh na bha air fhàgail de thuilleadh thaighean àrsaidh a lorg. Aig deireadh na 1920an agus tràth sna 30an ghabh an t-Ollamh Gòrdain Childe tuilleadh cladhachan os làimh agus thug e am follais na taighean-còmhnaidh a tha rim faicinn an-diugh. Dh'fhaodadh gun robh am baile air ùisneachadh airson timcheall air sia ceud bliadhna eadar 3100 agus 2500 ro Chrìosd. Tha na structaran a tha am follais a'riochdachadh na h-ìre mu dheireadh den ath-thogail agus den ghabhail thairis.

(Ìomhaigh - Colin Smith)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bràigh Sgàra, Arcaibh

2000an

Aois na Cloiche; tuineachaidhean; cladhachan; arc-eòlas

Geograph British Isles

Creative Commons

Tha an dealbh seo a'sealltainn aon de na dreasairean le sgeilpichean an taobh a-staigh den tuineachadh Nuadh-litic aig Bràigh Sgàra, Arcaibh. Tha gach taigh air uidheamachadh san aon dòigh le cagailt ann am meadhan an làir, leapannan-bocsa, agus dreasairean le sgeilpichean, ach a-mhàin taigh a h-ochd a tha na thaigh air leth bho chàch, agus is dòcha a bha air a chleachdadh mar àite obrach. <br /> <br /> Chaidh cuid den tuineachadh aig Bràigh Sgàra a thoirt am follais an toiseach ann an 1850, a'leantainn air stoirm gharbh. Chladhaich an t-uachdaran ionadail, Uilleam Bhuat à Sgaill, na bha air fhàgail de cheithir sheann taighean ach às dèidh 1868 chaidh an obair a leigeil seachad. Ann an 1925 rinn stoirm eile milleadh air cuid de na taighean a bhathar air a chladhach roimhe agus chaidh balla-mara neartachaidh a thogail gus an làrach a dhìon. Fhad 's a bhathar a'togail, chaidh na bha air fhàgail de thuilleadh thaighean àrsaidh a lorg. Aig deireadh na 1920an agus tràth sna 30an ghabh an t-Ollamh Gòrdain Childe tuilleadh cladhachan os làimh agus thug e am follais na taighean-còmhnaidh a tha rim faicinn an-diugh. Dh'fhaodadh gun robh am baile air ùisneachadh airson timcheall air sia ceud bliadhna eadar 3100 agus 2500 ro Chrìosd. Tha na structaran a tha am follais a'riochdachadh na h-ìre mu dheireadh den ath-thogail agus den ghabhail thairis.<br /> <br /> (Ìomhaigh - Colin Smith)