- TIOTAL
- Litir bhon Fho-cheannard Alasdair Godsman, Dùn Eathain gu Còirneal Bàillidh, Madras, Na h-Innseachan, duilleag 6
- EXTERNAL ID
- Z_GB232_D456_A_3_5_6
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SGÌRE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1777
- LINN
- 1770an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 4895
- KEYWORDS
- Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
co-sgrìobhadh
litrichean
Còirneal Bàillidh
Cogaidhean Neo-eisimileachd Aimearagaidh
reic-tairgse
na Fuadaichean
àiteachas

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.
Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.
Tha an sgrìobhainn seo o'n 15mh den Damhair 1777. 'S e seo litir on Fho-cheannard Alasdair Godsman, Dùn Eathain gu Còirneal Bàillidh à Dùn Eathain, ann am Madras, Na h-Innseachan. Tha iomradh ann air mòran chuspairean cudthromach na Gàidhealtachd, mar leasachadh air tuathanasan agus mu na Fuadaichean.
Tha e coltach gu bheil Godsman air sgrìobhadh dhan Chòirneal iomadh turas thar a' bhliadhna a chaidh seachad, ach cha do ràinig gin de na litrichean an ceann-uidhe. Rè'n àm seo, tha Godsman air 'The Mains' a ghabhail a-nall an dèidh bàs màthair Bhàillidh agus tha e a-nis a' cur leth-bhreac den reachd-cheangail is de chùmhnant mu thimcheall seo.
Tha e a' bruidhinn air staid an fhearainn is mar a tha dùil aige an dòigh àitich atharrachadh, agus bhiodh dùnadh a-staigh phàirtean dhen fhearann an luib seo. Tha e a' bruidhinn air fiachan a th' aige ri pàigheadh dhan Chòirneal. Tha e ag aithris cuideachd air cur de chraobhan-giuthais 'in the Craig', air leasachaidhean ris an leas, agus air an airgead a rinneadh aig reic-tairgse. Tha e a' bruidhinn air an fhasan a bh' ann aig an àm caoraich a chur air mòran thuathanasan Gàidhealach an àite crodh dhubh.
Tha e a' crìochnachadh le bhith a' bruidhinn air iomadh cuspair a th' air a bhith anns na pàipearan-naidheachd nàiseanta o chionn ghoirid, leithid an cogadh ann an Aimearagaidh. 'S e Cogaidhean Neo-eisimileachd Aimearagaidh, 1775-83, a bha seo