Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgrìobhainn prìsidh co-cheangailte ri Bàillidhean Dhùn Eathain, duilleag 1
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_7_3_1
ÀITE
Dùn Eathain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
g/b
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4902
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
Budgate
Bail' an Todhair
uachdarain-fearainn
oighreachdan
àiteachas
co-sgrìobhadh
litrichean
Valuation document associated with the Baillies of Dunain, page 1

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

'S e seo cunntas liosta, gun cheann-là air, ag innse meud is luach an fhearainn ann am Budgate is Bail' an Todhair (bha na dhà ann an ainm na Mnph. Bhàillidh).

Anns na ceithir cuilbh anns an sgrìobhainn tha meud an fhearainn àiteachail (ann an acairean, ròdan is pèirsean), meud an fheuraich is na mòintich (ann an acairean, ròdan is pèirsean), am fiach luachail (rateable value) gach acair, is luach an fhearainn air fad ann an notaichean, tasdanan is sgillinnean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgrìobhainn prìsidh co-cheangailte ri Bàillidhean Dhùn Eathain, duilleag 1

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

Bàillidhean Dhùn Eathain; Tasglann na Gàidhealtachd; Budgate; Bail' an Todhair; uachdarain-fearainn; oighreachdan; àiteachas; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers