Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir o Dhotair Rees, Lunnainn, gu A' Bhph. Bhàillidh mu shlàinte Uilleim Bàillidh, duilleag 2
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_8_12_2
ÀITE
Dùn Eathain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1815
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4914
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
slàinte-inntinn
Uilleam Bàillidh
co-sgrìobhadh
litrichean
Letter from Dr Rees, London to Mrs Baillie, regarding William Baillie's health, page 2

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 14mh den Mhàirt 1815. 'S e seo litir o Dhotair Rees à Lunnainn dhan Bh.ph. Iseabal Bhàillidh mu thinneas-inntinn a mic, Uilleam. B' esan an 14mh Uachdaran de Dhùn Eathain, is an duine mu dheireadh anns an loidhne-teaghlaich. Bha e na oifigear anns an arm is bha e air a bhith greis anns a' Bhàgh Phersianach, is mu dheireadh tha na dotairean a' tighinn dhan cho-dhunadh gur e cus ùine anns a' ghrèin a dh' adhbhraich na trioblaidean inntinn aige.

Tha Dotair Rees ag aithris gu bheil Uilleam rèidh ri shuidheachadh, a-rèir coltais. Tha e ag ithe 's a' cadal glè mhath is tha e a' cluich is a' sgrìobhadh ceòl. 'S e bearradh an t-aon rud nach fhuiling e, 's mar sin tha an Dotair Rees a' leigeil leis seo a sheachnadh.

Tha an dotair a' moladh nach sgrìobh duine gu Uilleam, agus tha e a' crìochnachadh le bhith ag ràdh gu bheil e an dòchas fhathast gu faigh Uilleam seachad air a thinneas

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir o Dhotair Rees, Lunnainn, gu A' Bhph. Bhàillidh mu shlàinte Uilleim Bàillidh, duilleag 2

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Tasglann na Gàidhealtachd; slàinte-inntinn; Uilleam Bàillidh; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers