Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir o Dhotair Rees, Lunnainn, ag innse mu shlàinte inntinn Uilleim Bàillidh, duilleag 7
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_8_26_7
ÀITE
Dùn Eathain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1817
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4929
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
slàinte-inntinn
Tasglann na Gàidhealtachd
teasach inntinn
Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan
dotairean
seòlain-leighis
co-sgrìobhadh
litrichean
Letter from Dr Rees, London giving account of William Baillie's mental health, page 7

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n t-18mh den Dùbhlachd 1817. 'S e litir o Dhotair G Rees gu ball de theaghlach Bhàillidh a th' ann (tha an litir a' tòiseachadh 'Dear Sir'). Tha an dotair a' toirt seachad a bheachd air tinneas inntinn Uilleim Bàillidh. Tha e air co-dhùnadh nach gabh Uilleam a shlànachadh, agus gur e 'brain fever' ri linn cus ùine anns a' ghrein a dh' adhbharaich an suidheachadh aige. (Bha Uilleam thall thairis le Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan.) Tha an dotair a' toirt iomradh air suidheachadh Uilleim mar 'idiopathic disease' - atharrachadh ann an structar na h-eanchainn.

Chan eil e ag òrdachadh ach deagh shlàinte a chumail ris - tha còir gum bi an caolan air a chumail a' gluasad gu cunbhalach, gum bu chòir iomgain a sheachnadh, uairean cunbhalach a bhith aige is uiread de dh' eacarsaich 's a ghabhas dèanamh. Tha e a' moladh 'sulphate of magnesia' ('Epsom Salts') a chleachdadh ann am masgadh de shenna.

Tha Dotair Rees an dòchas nach e seo a bhios ceàrr air Uilleam air a' cheann thall, agus tha e riaraichte gu leòr gun tèid a litir a shealltainn gu fear eile, Dotair Bàillidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir o Dhotair Rees, Lunnainn, ag innse mu shlàinte inntinn Uilleim Bàillidh, duilleag 7

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

Bàillidhean Dhùn Eathain; slàinte-inntinn; Tasglann na Gàidhealtachd; teasach inntinn; Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan; dotairean; seòlain-leighis; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers