Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir o Dhr A Wardrop is Dr I MacShithich (Keith) gu Mgr Bàillidh, duilleag 3
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_8_127_3
ÀITE
Dùn Eathain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
g/b
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4935
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
Uilleam Bàillidh
dotairean
ionnlaideachd-mhara
riaghailt-bhìdh
slàinte-inntinn
co-sgrìobhadh
litrichean
Letter from Dr A Wardrop and Dr I Keith to Mr Baillie, page 3

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

'S e 'Directions for Mr Baillie' tiotal an sgrìobhainn seo, gun cheann-là sgrìobht' air. 'S e seo litir a sgrìobh Dotair Anndra Wardrop is Dotair I. MacShithich (Keith) a' toirt seachad molaidhean airson riaghailt-bìdh is eacarsaich do Mhgr (Uilleam) Bàillidh. Bha Uilleam a' fulang le tinneas inntinn aig an àm agus cha robh mòran ann a b' urrainn dha na dotairean a dhèanamh dha.

A thaobh a bhìdh, tha iad a' moladh gun ith Mgr Bàillidh biadh aotrom, beathachail is furasda a chnàmhadh. Bha còir aige mòran ùine a chaitheamh a-muigh anns an àile ach gun a bhith a-muigh ann an aimsir fliuch. Tha cudthrom mòr air a chur air rianalachd mionaich is caolain is tha mòran chomhairle mu bhiadh a chuidicheas a chum seo.

A bharrachd air seo, tha na dotairean ag ràdh gur dòcha gum faigh Mgr Bàillie buannachd o ionnlaideachd-mhara. Feumar a chumail bho bhith a' beachdachadh air a chàs cus. Tha iad a' moladh gun dèanar seo le àbhachd no obair air choireigin a chumas trang e

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir o Dhr A Wardrop is Dr I MacShithich (Keith) gu Mgr Bàillidh, duilleag 3

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

Bàillidhean Dhùn Eathain; Tasglann na Gàidhealtachd; Uilleam Bàillidh; dotairean; ionnlaideachd-mhara; riaghailt-bhìdh; slàinte-inntinn; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers