Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clàr a' cuimhneachadh na ghabh pàirt anns a' Chogadh Mhòr. Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
EXTERNAL ID
AB_ROYALACADEMY_001
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1910an
CRUTHADAIR
Ewen Weatherspoon
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
494
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
cuimhneachain cogaidh
ainmean
sgoilearan
tidsearan
luchd-obrach
Panel in memory of those who served in World War I. Inverness Royal Academy

Mar a bha a' Chiad Chogadh a' tighinn gu crìch, cho-dhùin Cluba Seann Bhalaich Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis gun robh feum air cuimhneachan cogaidh freagarrach. B' e Evan Barron (a bha na neach-deasachaidh air an 'Inverness Courier' an dèidh sin) agus Ùisdean Robasdan (Tidsear nan Cànan Clasaigeach aig an Acadamaidh Rìioghail) a bha os cionn a bhith a' togail airgead. Chaidh co-dhùnadh clàran cuimhneachaidh a chur do thogalach an Acadamaidh agus gus seann togalach Colaiste Inbhir Nis ann an Sràid Ard Rois a cheannach agus a dhèanamh na òstail do nigheanan a bha a' dol dhan Acadamaidh.

Chaidh na Clàran Cuimhneachaidh a dhèanamh bho dherach le William Morris & Company (Westminster) agus tha iad de mheud 14 troighean agus 6 troighean (mu 4.8 meatair agus 1.7 meatair). Chaidh an cur an-àird air a' bhalla pàirt den t-slighe suas an staidhre, fo uinneag mhòr aig ceann a deas prìomh thalla na sgoile. An dèidh gluasad dhan togalach ùr ann an Cùl Dubhuillt eadar 1977 agus 1979, chaidh na clàran a shuidheachadh anns an trannsa ri taobh seòmar òraid na sgoile.

Bha còrr agus 500 neach a bha nan sgoileran no nan luchd-obrach anns na Feachdan Armaichte, agus dhiubh sin chaidh 83 seann bhalach agus 1 neach-obrach a mharbhadh (sa phannal sa mheadhan) agus tha ainmean nan 420 neach eile a thug seirbheis air na pannalan air gach taobh.
Aig mullach agus bonn nam bòrd tha sgrìobhte:
"In memory of the Old Boys of Inverness Royal Academy who served in the Great War 1914-1919, this tablet has been erected and an Academy Hostel founded"

Chaidh na clàran cuimhneachaidh fhoillseachadh le Bhiocas Finlay, Àrd-sheansalair Shasainn, Diluain 10 An Dàmhair 1921 aig seirbheis ann an talla na sgoile. Nas fhaide air adhart air an aon latha, chaidh seirbheis fosglaidh òstail na sgoile a chumail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clàr a' cuimhneachadh na ghabh pàirt anns a' Chogadh Mhòr. Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1910an

sgoiltean; foghlam; cuimhneachain cogaidh; ainmean; sgoilearan; tidsearan; luchd-obrach

Am Baile

Inverness Royal Academy (photographs)