Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cunntas sgrìobhte mu staid inntinn Mgr Uilleim Bàillidh, duilleag 3
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_8_129_3
ÀITE
Dùn Eathain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
g/b
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4940
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
slàinte-inntinn
Uilleam Bàillidh
co-sgrìobhadh
litrichean
Written statement regarding the mental state of Mr William Baillie, page 3

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

'S e cunntas sgrìobhte leis an tiotal 'Case of Mr W B' a th' anns an sgrìobhainn seo. Tha e a' bruidhinn air Mgr Uilleam Bàillidh (an 14mh Uachdaran de Dhùn Eathain, a tha na dhuine mu dheireadh anns an loidhne-teaghlaich) a dh' fhuiling le tinneas inntinn mòran de bheatha. Chaidh a thoirt a-steach le fear le ùghdarras (dotair, is cinnteach) air an t-27mh den Damhair 1817, gus cùram a ghabhail dheth . Tha an dotair ag ràdh gun tàinig orra airgead-beò (mercury) a thoirt dha fad a' chiad sia seachdainnean a bha e fo chùram.

A thaobh càil Uilleim, tha an dotair ag ràdh gu bheil a chàil-bidhe math is gu bheil e air a bhith a' cadal glè mhath. Tha e ag ràdh as dèidh sin nach eil Uilleam air bhoil, nach eil e frionasach no tùrsach.

Tha an dotair a' crìochnachadh le bhith ag ràdh nach eil tinneas Uilleim a' ruith anns an fhuil, ach gur e cus ùine anns a' ghrèin a dh' adhbharaich e. (Bha Uilleam na oifigear anns an arm is bha e air a bhith greis anns a' Bhàgh Phersianach.) Tha an dotair a' breithneachadh ''brain fever, a disorder from which the brain never recovers'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cunntas sgrìobhte mu staid inntinn Mgr Uilleim Bàillidh, duilleag 3

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

Bàillidhean Dhùn Eathain; Tasglann na Gàidhealtachd; slàinte-inntinn; Uilleam Bàillidh; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers