Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clàr-bathair airson reic Oighreachd Sgiobail, 1890 d02
EXTERNAL ID
DNHHL_Z2001_041_02_MAP
ÀITE
Oighreachd Sgìobail
SGÌRE
Dòrnach is Craoich
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Dòrnach
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Historylinks, Dòrnach
AITHNEACHADH MAOINE
4952
KEYWORDS
oighreachdan
caistealan
reic
clàran-bathair
a' ceannach is a' reic
zoomable

Tha am mapa seo a' sealltainn na sgìre mu Oighreachd Sgiobail. Tha an oighreachd fhèin air a comharrachadh ann an dubh.

B' e 'Schytherbolle', a' ciallachadh 'tìr nan sìthichean' no 'àite na sìth', a bh'air Oighreachd Sgiobail, faisg air Dòrnach ann an Cataibh anns a' chiad àite. 'S e na Lochlannaich, a fhuair làmh an uachdair ann an Cataibh, a' chiad luchd-àiteachaidh aig toiseach an 10mh linn. Chleachd iad Sgiobal airson iad fhèin a dhìon, oir bha e a' coimhead thar na mara is bha acarsaid ann.

Chaidh Sgiobal a thoirt do Ghillebrìde de Moravia, Easbaig Ghallaibh, ann an 1186, is b' e cathair Easbaigean Ghallaibh a bh'ann gu 1545, nuair a chaidh a thoirt do dh'Iain MacGilleGhlais. Bha teaghlach MhicGhilleGhlais a' toirt taic do na Hanobharianaich is na Seumasaich aig diofar amannan, gus an do leig Raibeart MacGilleGhlais seachad an oighreachd ann an 1745.

Eadar 1726 is 1897, bha iomadh sealbhadair aig an oighreachd, is bha soirbheachadh, no eile, a rèir eud is airgead an t-sealbhadair. Bha an oighreachd ann an droch staid nuair a cheannaich Anndra Carnegie I ann an 1897, airson £85,000. Chosg Carnegie mu £2 mhillean air leasachaidhean mar Caisteal Sgiobail a thogail far an robh an seann taigh mòr.

Chaidh an leth-bhreac den chlàr-bathair airson reic seo a thoirt seachad air iasad o Thaigh-tasgaidh Historylinks ann an Dòrnach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clàr-bathair airson reic Oighreachd Sgiobail, 1890 d02

CATAIBH: Dòrnach

1890an

oighreachdan; caistealan; reic; clàran-bathair; a' ceannach is a' reic; zoomable