Ùrachadh mu Dheireadh 07/02/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Earrann à tiomnadh Caiptean Uilleam Mac an Tòisich
EXTERNAL ID
AB_ROYALACADEMY_003
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1790an; 1800an
CRUTHADAIR
Ewen Weatherspoon
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
496
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
daoine
tiomnaidhean
sgoilearachd
Excerpt from the will of Captain William MacKintosh

B' e maraiche, a rinn fortan ann a bhith a' dèanamh malairt ri na h-Innseachan agus dùthchannan faisg oirre a bha ann an Caiptean Uilleam Mac an Tòisich. Ged a dh'fhàg Mac an Tòisich cuid de dh'airgead aig an Acadamaidh ann an Inbhir Nis, chaidh oideachadh anns a' Chananaich agus chan ann an Inbhir Nis. Ann an 2006, an dèidh a dèanamh suas às ùr, chaidh leth-bhreac de na pìosan iomchaidh de thiomnadh Chaiptein Mhic an Tòisich a chrochadh (an àite "pasted up" mar a bha e ag iarraidh) ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis.

Anns an ochdamh agus san naoidheamh linn deug, smaoinich a' mhòr-chuid de mhic Gàidhealach (gu h-àraidh dàrna mic agus mic eile às an dèidh) gun sìreadh iad am fortan ann an tìrean cèin. B' iad na h-Innseachan an Iar agus na h-Innseachan an dà àite a tharraing ùidh dhaoine ann an sgìre Inbhir Nis. Bha Companaidh Taobh Sear nan Innseachan dùinte do dh'Albannaich ro aonadh nam pàrlamaidean ann an 1707 ach an dèidh sin dhrùidh Albannaich a-steach dhan chompanaidh mhalairt seo gu ìre iongantach, fada os cionn an àireimh an coimeas ri mòr-shluagh Bhreatainn, a bha mu aon a-mach à deich (mar a bha aig an àm sin), agus ann an cuid de shuidheachaidhean bha Albannaich le làn smachd aca air cuid de ghnìomhan a' chompanaidh anns na h-Innseachan agus oirthir Shìona.

B' e fear a rinn fortan bhon mhalairt seo a bh' anns a' Chaiptean Uilleam Mac an Tòisich, a dh'obraich a shlighe suas tro na rangan mar mharaiche, a' seòladh sa mhòr-chuid dhe na h-Innseachan an Iar agus sna h-Innseachan. Thàinig e gu bhith na chaiptean an toiseach ann an 1783, agus ann an 1789 bha e na chaiptean air an t-soitheach, an Hindustan, a' seòladh dà uair eadar Breatainn agus Sìona. Air an dàrna seòladh bha an soitheach air a fastadh dhan Mhorair Maccartney air misean gu Ìmpire Shìona mar oidhirp gus malairt fhosgladh le na Sìonaich ach cha deach gu math leotha. Chaidh an soitheach seo a reic ri Oifis na Maraireachd ann an 1795 agus ann an 1786 ghabh Hindustan ùr, a bha na soitheach gu math mòr airson an àm seo a h-àite. Air an treas turas-mara chun an Ear bha Mac an Tòisich na chaiptean air an t-soitheach ùr seo a' seòladh gu Bombay agus Sìona sa Mhàrt 1797 agus a' tilleadh a Bhreatainn san Dàmhair 1798. Tha an dà shoitheach ann an dealbhan air am peantadh agus ann am priontan le luchd-ealain leithid Nicholas Pocock agus Thomas Lung, an-diugh ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Mara ann an Greenwich, Lunnainn

Mar a bha na chleachdadh aig an àm, bha Companaidh nan Innseachan Sear a' toirt cead dhan chaiptean malairt a dhèanamh air a cheann fhèin agus dh'fhaodadh luach a' bhathair, a rèir tuairmse a bhith suas ri £10,000, agus bhon airgead seo bhiodh Mac an Tòisich air fhortan a dhèanamh. Nuair a smaoinicheas sinn gun tug e seachad grunnan dhìleaban de £5,000 agus aon de £10,000, bha a bheartas, a rèir inbhe na h-ama sin, gu math mòr, mu £40,000. Chaidh tiomnadh Mhic an Tòisich, a ghabh àite tè na bu thràithe, a sgrìobhadh aig muir sa Ghiblean 1797 air a threas turas-mara. Chaidh a sgrìobhadh an dèidh an "imprudent conduct" aig a bhràthair, Iain, a bha ann am fiachan mòra "and of another person, to whom I had intended, and had bequeathed very considerable legacies".

An dèidh cuid de a chàirdean a gheàrradh dheth bho airgead sam bith fhaighinn, rinn e tuitear de phrìomh meat na soithich. Tha an tiomnadh an uair sin ag ràdh:
... it is my express Will that £5000 be vested in Trust with the Magistrates of Inverness for the time being, the interest of which sum is to be appropriated to the education of five boys in succession, to be selected - first, from the descendants of the Family of Farr; next, to those of Dalmigavie; and thirdly, to those of the House of Kylachy, or their nearest relations, in the above order of consanguinity, but always of the name of Mackintosh; and it may be hoped that some of these boys, if they succeed in life (which this gives them a fair chance for), will follow the example, to keep up a respectable though declining clan. It is to be remembered that they are to be educated at the Academy lately established in that town; but if the Trustees think it advisable, on discovering marks of genius, to send any of the boys to a University, they are not restricted from doing it. The said sum of £5000, as soon as it may be expedient, to be invested in lands in the country; and perhaps it might not be improper to paste up a copy of this bequest in some part of the Academy, which probably would stamp an impression, and stimulate similar acts of liberality...

Cha b' e an tiomnadh a dh'adhbharraich uiread de dhuilgheadasan, ach na sia leasachaidhean-tiomaidh a chaidh a chuir ris thar nam bliadhnachan a lean. Tha a' chiad fhear ag ràdh gun do rinn Mac an Tòisich £10,000 bhon treas turas-mara sin ach gheàrr e am prìomh mheat a-mach mar dhìleabach o nach robh e riaraichte le ghiùlain. Dhtharraich an dàrna leasachadh-tiomnaidh an t-suim dha chàirdean agus a charaidean agus an uair sin dh'atharraich e an t-suim gu foghlam gu£10,000, ged a bha a' Bh.ph. Rae a' faighinn an riadh bhon airgead sin gus am bàsaicheadh i, agus an dèidh sin gheibheadh na balaich an riadh slàn a bha gu bhith ann am fearann; anns an eadar-àm dh'fhaodaist suim sam bith a bharrachd a chleachdadh airson foghlam nam balach. Gheàrr leasachadh-tiomnaidh 4 a' Bh.ph. Rae a-mach às an tiomnadh agus bha an £10,000 sa bhad ri bhith air a chleachdadh airson foghlam.

Ann an 1801 bha Mac an Tòisich air ais ann an Alba agus choinnich e ri chàirdean. An uair sin rinn e diofar atharrachaidhean air an dìleaban. A rèir coltais leigMac an Tòisich dheth a dhreuchd mar mharaiche nuair a thill e a Bhreatainn ann an 1798 agus tha leasachadh-tiomnaidh 6 a' toirt brath gun robh e tinn aig toiseach 1803. Bhàsaich e san Ògmhios 1803, goirid an dèidh dhan t-soitheach air am b' àbhaist dha a bhith na chaiptean a dhol a dhìth air an tràigh ann am Margate, air oirthir a deas Shasainn.

Chuir cùisean laghail ann an Chancery dàil air airgead a bhith air a phàigheadh a-mach gu 1816, agus beagan bhliadhnachan an dèidh sin chaidh cunntasair à Dùn Èideann a thoirt s-teach airson rannsachadh a dhèanamh air cunntasan amharasach airson seirbheisean laghail Alexander Mundall, am fear lagha à Lunnainn a bha a' làimhseachadh an dìleab. Thòisich tuilleadh obair laghail eadar Seumas Mac an Tòisich (leth-bhràthair), an dìleabair a chaidh fhàagail a-mach agus am maighstir ann an Inbhir Nis ann an 1817. Chaidh gnìomh de iomadh ath-ghabhail(gnìomh an aghaidh buidheann dhaoine) a thogail a' sireadh ri faighinn chun an airgid, de iomadh chuimhneachain (cuntasan chun na cùirte) air an toirt. Anns an dà chuid1818 agus 1821, thug am Morair Ordinary aithne britheimh (beachd sealach fhad 's a bhathas a' feitheamh ris an fhianais air fad a bhith air a thoirt seachad). Thug am Maighstir an uair sin athchuinge do lèirmheas de phàirt de bhreith roimhe oir bha e mun dòigh anns an robh na balaich air an taghadh. Lean na h-argamaidean, chaidh na cosgaisean laghail suas, gius an robh breith deireannach ann ann an 1825 a bha ann am fàbhar nam maighstirean sa mhòr-chuid agus a chuir air òigh an dòigh anns an robh na balaich ri bhith air antaghadh. Shuidhich e cuideachd gur e buileachadh foghlaim a bh' ann agus nach b' e maoin airson cùisean carthannais.

Dh'adhbharaich tuilleadh dhuilgheadasan mu mhìneachadh an Tiomnaidh gun deach beachd Neach-tagraidh a shireadh ann an 1834, 1841 agus 1842. Dh'iarr beachd 841 gun cumadh na h-Urrasairean craobh teaghlaich den h-uile neach de shliochd nan ceithir teaghalaichean gus dearbheadh cò bha dligheach. Ghabh puingean eile a-steach am faodadh foghlam tachairt aig sgoiltean eile a thuilleadh air an Acadamaidh Rìoghail, agus dè thachradh nan atharraicheadh teaghlach de shliochd aon de mheuran an teaghlaich an ainm gu Mac an Tòisich gus am faodadh iad tagradh a chuir a-steach.

Aig a' cheart àm, chaidh a' mhaoin air an robh smachd aig na h-Urrasairean a-nis, a thasgadh ann am fearann mar a chaidh iarraidh, gu h-àraidh ann an sgìre Mharg Innis, a tha an-diugh na phàirt de Inbhir Nis, ach a bha aig an àm air iomall iar-thuath a' bhaile, agus aig Rubha Nois anns an Raon Rèidh. Bho na tasgaidhean sin, chaidh aig a' Mhaoin air air suimean airgead cudromach a dhèanamh thar nam bliadhnachan, gu h-àraidh nuair a chaidh tòiseachadh a' leasachadh togail thaighean ann an sgìre Mharg Innis nas fhaide air adhart anns an naoidheamh linn deug.

Thòisich a' chiaad sgoilearan a bha air am maoineachadh tron sgeama anns an Acadamaidh ann an 1820, an dèidh a' cho-dhùnaidh ann an Chancery, a thug cead dha sanas nochdadh ann am pàipearan-naidheachd Inbhir Nis sa Mhàrt 1818. Tha diofar chlàraidhean ann fhathast de na sgoilearan a fhuair buannachd bhon dìleab. Tha a' Mhaoin Urrais an-diugh air a gabhail a-steach dha na buileachaidhean san fharsaingeachd dhan Acadamaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Earrann à tiomnadh Caiptean Uilleam Mac an Tòisich

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1790an; 1800an

sgoiltean; foghlam; daoine; tiomnaidhean; sgoilearachd

Am Baile

Inverness Royal Academy (photographs)