Ùrachadh mu Dheireadh 22/06/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Earrann de Bharrantas an t-Suaicheantais aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, 1933
EXTERNAL ID
AB_ROYALACADEMY_004
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1933
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Ewen Weatherspoon
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
497
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
còir-sgrìobhte
suaicheantais
earraideas
Extract of Matriculation of the Arms of Inverness Royal Academy, 1933

Chaidh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a stèidheachadh ann an 1792, a' gabhail àite na seann sgoil ghràmair sa bhaile, le ceanglaichean a' dol air ais gu "Sang Schuile" (sgoil chiùil) Manachainn Inbhir Nis. Bha an togalach tùsail air an t-Sràid Ùir a chaidh ath-ainmeachadh Sràid an Acadamaidh goirid an dèidh sin. Fhuair an sgoil Còir-sgrìobhte Rìoghail bhon Rìgh Seòras III ann an 1793, 's mar sin thathas a' cleachdadh an fhacail 'Rìoghail' anns an tiotal. Tha an Còir-sgrìobhte an-dràsta air a thaisbeanadh san Acadamaidh.

Nuair a bha an sgoil a' tighinn suas gu cuimhneachan nan ceud bliadhna ann an 1892, b' e Seòras Bruce (Ceannard 1884-8194) a bu mhotha a ghabh ùidh ann a bhith a' comharrachadh nan 100 bliadhna sin. Thòisich e iris nam maighistirean-sgoile The Academical, a lean gus an tugadh air a dhreuchd fhàgail. Bhrosnaich e ùidh, cuideachd, ann an suaicheantas don sgoil, agus rinn e tarraing gus a dhealbhachadh. Bha e mothachail air àite teaghlach Mhic an Tòisich ann am bun-stèidh agus stiùireadh na sgoile.

Bha fear Uilleam Mac an Tòisich na Phròbhaist aig Inbhir Nis a' bhliadhna a stèidhicheadh an sgoil, agus tràth anns an 19mh linn dh'fhàg an Caiptean Uilleam Mac an Tòisich, Fear Fàrr, sùim mhòr mar dhìleab gus am faigheadh a chuideachd an cuid foghlaim aig an Acadamaidh Rìoghail. Tha an t-airgead a-nis mar phàirt de stòras an Acadamaidh, agus 's e Mackintosh Farr Fund a tha air (a-nis mar phàirt de bhuileachaidhean an Acadamaidh).

Dh'ath-dhealbhaich ailtire à Obar Dheathain, Mgr G H Gall, an suaicheantas airson na sgoile agus chaidh aontachadh air an dreach dheireannach san Ògmhios 1892. Tha Bratach na Croise le leabhar fosgailte a' riochdachadh ionad foghlaim Albannach. Bha ceann a' chàmhail agus ceann an ailbhein nam pàirt de shuaicheantas Inbhir Nis nuair a bha e na bhorgh. Aig bonn na sgèithe tha 'cat salient' a' riochdachadh teaghlach Mhic an Tòisich. Tha an crùn anns a' cheathreamh gu h-àrd a' riochdachadh a' cheangail rìoghail tron chòir-sgrìobhte. Ged a bha e bho thùs fon sgèith ach a-nis os a cionn gheibhear facail-suaicheantais an Acadamaidh, Labore et Virtute, a ghabhas a bhith air eadar-theangachadh ann an diofar dhòighean ach nas dìriche mar "Obair agus Sàr-mhathas". Fo na facail-suaicheantais tha "Toirds Sàr-mhathais".

Anns an t-Samhain 1932 sgrìobh Morair nan Suaicheantas litir don Acadamaidh, ag innse dhaibh nach robh cead oifigeil aca airson an t-suaicheantais, agus mar sin dh'fhaodadh an sgoil a dhìteadh agus a pheanasachadh a h-uile h-uair a bhiodh an suaicheantas air a chur an gnìomh. Ge-tà, nam biodh an sgoil a' gabhail gnothach ris aig a' chiad chothrom, ghabhadh an suaicheantas a chlàradh gu h-oifigeil agus a chleachdadh gun chùis-lagha. Chaidh seo a dhèanamh aig cosgais £19 anns a' Mhàrt 1933, agus chaidh an suaicheantas a chlàradh anns a' Chèitean 1933. Cha mhòr nach robh an cruth oifigeil, a nochdas an seo, ionann ris a' chruth a chuireadh an gnìomh tràth anns an 20mh linn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Earrann de Bharrantas an t-Suaicheantais aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, 1933

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

sgoiltean; foghlam; còir-sgrìobhte; suaicheantais; earraideas

Am Baile

Inverness Royal Academy (photographs)