Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir o Iain Alves, Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh, Dùn an Naoimh Sheòrais, India, duilleag 7
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_16_10_7
ÀITE
Inbhir Nis
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1773
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4979
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan
Uilleam Bàillidh
Seanalair Friseal
Morair Seòras Gòrdan
co-sgrìobhadh
litrichean
Letter from John Alves, Inverness to William Baillie, Fort St George, India, page 7

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 28mh den Fhaoilleach 1773. 'S e seo litir o Iain Alves ann an Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh aig Dùn an Naoimh Sheòrais anns Na h-Innseachan (Fort St. George, India). Bha Uilleam (1737-1782) air fhasdadh mar oifigear airm de Chompanaidh Bhreatannach Taobh Sear Nan Innseachan.

Tha cuspairean 'san litir a' dol bho irisean is pàipearan (nam measg an 'London Chronicle' is 'Scots Magazine') a chaidh a chur gu Uilleam, gu Comataidh Phàrlamaid a tha a' sgrùdadh Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan (bha a' chompanaidh a' tighinn gu ìre èiginn), agus mu na Frangaich agus na bha iad a' dèanamh anns Na h-Innseachan.

Tha Alves a' bruidhinn air an t-suidheachadh anns an Fhraing, air tachartasan ann an dùthchannan Eòrpach eile agus air poileataics ionadail anns an robh Seanalair Friseal is Morair Seòras Gòrdan, Pròsdanach cumhachdadh is beachdail, an sàs.

Tha an dealbh seo a' sealltainn ainm is seòladh an neach-gabhail air cùlaibh a' phàipeir. Mus robh cèisean ann, bhathas a' lùbadh litrichean leis an t-seòladh air an taobh a-muigh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir o Iain Alves, Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh, Dùn an Naoimh Sheòrais, India, duilleag 7

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1770an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Tasglann na Gàidhealtachd; Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan; Uilleam Bàillidh; Seanalair Friseal; Morair Seòras Gòrdan; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers